Obair-sgrùdaidh a' tòiseachadh air an A9

  • 28 An t-Iuchar 2014
Cònaichean trafaig
Image caption Bidh dàil air trafaig airson co-dhiù dà mhìos, leis an obair air an rathad fhèin a' tòiseachadh taobh a-staigh dà bhliadhna.

Tòisichidh obair-sgrùdaidh Diluain air an A9 eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh.

Feumaidh sgrùdadh a bhith air a dhèanamh mus tèid an rathad a dhèanamh dùbailte.

Bidh dàil air trafaig co-dhiù dà mhìos, leis an obair air an rathad fhèin a' tòiseachadh taobh a-staigh dà bhliadhna.

Bidh an obair-sgrùdaidh eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh a' dol bho Dhiluain gu Diardaoin, eadar 08:00m agus 6:00f.

Leis gu bheil barrachd charabadan air an rathad, cho-dhùin Còmhdhail na h-Alba an 7.5 cilemeatair de rathad fhàgail fosgailte Dihaoine, agus aig an deireadh sheachdain.

Tha an obair seo mar phàirt de phròiseict gus an A9 a leasachadh, ga dhèanamh dùbailte fad na slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt ron bhliadhna 2025.

Thuirt Jo Blewett bho Chòmhdhail na h-Alba gu bheilear a' sireadh leisgeul airson an dàil a bhios air an rathad, ach gun dèanadh a' chompanaidh a tha a' dèanamh na h-obrach an dìcheall gus nach biodh cus maill air luchd-siubhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile