Aithris na Pitheid Mairbhe

  • 22 An t-Iuchar 2014

Cha tachair e. Gun teagamh. Pitheid mharbh a tha ann.

Tha sin soilleir gu leòr nach eil?

Ach 's coltach gu bheil dragh air Ian Davidson nach d'fhuair daoine an teachdaireachd.

Nach cuala sibh na thuirt George Osborne, Ed Balls agus Danny Alexander nas tràithe air a' bhliadhna?

O thuirt an triùir aca nach gabhadh iad ri aonta-airgid le Alba neo-eisimeilich, tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' cumail a-mach nach robh ann ach cleas airson an reifeann a bhuannachadh.

Ach às dèidh don chomataidh aige cluinntinn bhuapa uile, tha Mgr Davidson ag ràdh gu bheil iad ann an dà-rìribh.

Argamaid

Carson?

Chuala sinn an argamaid eacononach roimhe, nach obraicheadh aonta-airgid as aonais aonta poileataigich.

Ach 's e argamaid phoileataigeach a rinn Comataidh Albannach nan Cumantan.

Gu sìmplidh, tha na trì pàrtaidhean as motha air a bhith cho daingean nam beachd nach b' urrainn dhaibh a dhol air ais air.

Thuirt an aithisg aca gun deigheadh creideas seansalair sam bith a mhilleadh nan gabhadh iad ri aonta às dèidh na bhòt agus iad air a dhiùltadh roimhpe.

Mar sin, chuir prìomh loidhne na h-aithisge aca ann an dubh is geal e: 'Ma dh'fhàgas Alba an Rìoghachd Aonaichte cha bhi aonta airgid ann'.

Iongnadh

An èist daoine a-nis?

O thòisich an obair aca air neo-eisimeileachd, tha duilgheadas air a bhith aig a' chomataidh seo.

Chan eil ball an SNP oirre idir, agus tha fiù 's ainm an rannsachaidh aca ('An Reifrean air Sgaradh airson Alba') a' nochdadh am beachd air neo-eisimeileachd fhèin.

Cha chuir e iongnadh air duine sam bith gu bheil co-dhunadh an rannsachaidh aca a chur taic ris a' bheachd aca fhèin.

Sin cante, tha puing aca - nach bitheadh nàire air Mgr Osborne - no 's dòcha Mgr Balls às dèidh taghadh na h-ath-bhliadha - nan gabhadh iad ri aonta airgid aig a' cheann-thall?

Ach, ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd bidh e doirbh gu leòr do phàrtaidhean Nas Fheàrr Còmhla co-dhiù.

Gun aonta

Ged a tha an dà thaobh ag ràdh nach gluais iad, air dòigh tha iad air gluasad mar-thà.

Ged a b' àbhaist do luchd an Aonaidh cantainn gum bitheadh aig Alba ri gabhail ris an Euro, a-nis tha a' Chomataidh ag ràdh gum bu chòir do mhinistearan Albannach coimhead ri cleachdadh an Not gun aonta, no 'Sterlingization' mar a tha aca air.

Agus ged a tha iad fhathast a' cumail a-mach gun gabhadh Westminster ri aonta, cha tuirt Riaghaltas na h-Alba an-diugh ach gun glèidheadh Alba an not.

Tha iad a' tomhas gur e sin an rud a bhios air aire an luchd-bhòtaidh ge bith dè an dòigh a thachras e.

Mar sin, cumaidh a' phitheid mharbh oirre a' ceilearadh fad greis fhathast.

Creideas? Le cùisean poileataigeach agus eaconomach, 's e sin an rud as cudromaiche.