Beachdan gan sireadh mu chòmhstri laghail

  • 21 An t-Iuchar 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption A rèir na Comhairle, bha Tesco air aontachadh còrr air £300,000 a phàigheadh mu choinneimh chosgaisean pìos de seach-rathaid ùr a' bhaile a thogail.

Thèid beachd chomhairlichean na Gàidhealtachd iarraidh air na bu chòir dhan ùghdarras a dhèanamh mu chòmhstri laghail eadar iad fhèin agus a' chompanaidh bhùithdean, Tesco.

A rèir na Comhairle, bha Tesco air aontachadh £340,000 a phàigheadh mu choinneimh chosgaisean pìos de sheach-rathad ùr a' bhaile a thogail.

Ach tha a' chompanaidh ag ràdh nach pàigh iad e, leis nach deach an obair a dhèanamh a rèir a' chlàr-ama a gheall a' Chomhairle.

Thèid aithisg air beulaibh chomhairlichean a nì mìneachadh air na roghainean a th' aca.

Eas-aonta

Tha ceithir mòr-bhùithdean aig Tesco ann an Inbhir Nis.

'S ann mu dheidhinn na bùtha as ùire aca, air bruaichean Abhainn Nis, a tha an eas-aonta seo leis a' Chomhairle.

Dh'fhosgail a' bhùth air Rathad Durais ann an 2011.

Deich bliadhna ron a sin, chuir Tesco an ainm ri aonta le Comhairle na Gàidhealtachd.

Fon aonta, gheall Tesco gum pàigheadh iad £340,000 den chosgais airson seach-rathad an iar Inbhir Nis a thogail, ma 's e 's gun togadh iad bùth air an làraich.

Ach, on uair sin, tha Tesco air a ràdh gun robh e sgrìobhte sa chùmhnant, gu mionaideach, gum feumadh an rathad a bhith air a thogail ro 2011.

Fulang

Image caption Rachadh an rathad ùr tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach.

A bharrachd air sin, tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air fulang ri linn an dàil air an t-seach-rathad, a bheireadh barrachd luchd-ceannaich thuca, a rèir na companaidh.

Rachadh an rathad ùr tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach, 's dhèanadh e ceangal eadar Rathad Durais agus an A82.

Tha dùil gun cosg pròiseict an rathaid mu £34m, agus gun tòisich an obair togail ann an 2015.

Thèid aithisg a-nis mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd, a' sireadh bheachdan air na h-ath cheumannan a bu chòir dhan ùghdarras ionadail a ghabhail anns an t-strì laghail seo le Tesco.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile