Taic bho Luxembourg

  • 21 An t-Iuchar 2014

Is coltach gun robh Dàibhidh Camshron ceart dragh a thogail mu thagradh Jean-Claude Juncker airson ceannas a' Choimisein Eòrpaich.

Aig a' cheann-thall cha robh taic a' Chamshronaich a dhìth air seann phrìomhaire Luxembourg gus an dreuchd as àirde anns a' Bhruiseil a choisinn.

A-nis, co-dhiù a rèir aithris ann an Scotland on Sunday, tha Mgr Juncker air a thaic-san a nochdadh do bhallrachd Albannaich den Aonadh Eòrpach.

Rinn am pàipear iomradh air oifigear an EU (gun ainm), a thuirt gum bitheadh Mgr Juncker "taiceil" mar dhuine à dùthaich bhig agus nach bitheadh e "airson Alba a chumail a-mach".

Cuideachd, a rèir na h-aithrise, cha bhitheadh aig Alba ri dhol tron phroiseas àbhaisteach aison bhall ùra, air sgàth 's na dà fhichead bliadhna aice anns an EU, mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Am b' e seo an t-adhbhar an dà-rìribh gun robh Mgr Camshron airson an dreuchd a thoirt do chuideigin eile?

Cnap-starra

Tha seo a' dèanamh chùisean nas miosa do dh'iomairt an Aonaidh às dèidh mar a thuirt iad an t-seachdain a chaidh gun robh Mgr Juncker air cnap-starra ùr a chur air beulaibh bhallrachd na h-Alba neo-eisimeiliche.

Thuirt e nach fàsadh an EU a-rithist anns na còig bliadhna a bha romhainn, agus bha muinntir nas fheàrr còmhla air an dòigh ag ràdh gun robh air sgrios e a dhèanamh air plana Ailig Salmond.

A-nis, thuirt labhraiche Mhgr Juncker nach robh an ceann-suidhe a-mach air Alba idir, agus gun toireadh e spèis do thoradh an reifrinn.

Às dèidh sin, chuir Riaghaltas na h-Alba air luchd an aonaidh gun robh iad a' fiaradh briathrean Mhgr Juncker.

Mas fhìor na h-aithrisean as ùir air beachdan a' chinn-suidhe, 's coltach co-dhiù nach do thuig iad an ciall aige.

Ach dh'fhaodadh a' chasaid gun robh iad a' feuchainn ris an luchd-bhòtaidh a mhealladh a dh'aona-ghnothach cron a dhèanamh orra, ceart no ceart i.

Monmharan

Aig a' cheann-thall, cha b' e Mgr Juncker ach na buill-stàit a dhèanadh co-dhunadh mu bhallrachd na h-Alba anns an Aonadh Eòrpach, nan tigeadh an là.

Is coltach, ge-tà, gur dòcha gum biodh caraid aice anns a' chùirt.

Tha ceistean ann fhathast mu chlàr-ama an Riaghaltais Albannaich airson stàit neo-eisimeileach a stèidheachadh.

Ach bidh iad toilichte gu leòr leis na monmharan seo as a' Bhruiseil.

Anns an deasbad seo chan e cò a tha ceart, ach cò a chreideas sibh.

Agus bidh fios againn a dh'aithghearr cò sin.