Ceannard eadar-amail do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

  • 18 An t-Iuchar 2014
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Tòisichidh Seònaid NicLeòid san dreuchd às dèidh saor-làithean an t-samhraidh, 's tha dùil gum bi i os cionn na sgoile gu meadhan an Dàmhair.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air Seònaid NicLeòid ainmeachadh mar cheannard eadar-amail air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Sheumas Lyon an dreuchd fhàgail na bu thràithe air a' mhìos seo.

Tòisichidh Seònaid NicLeòid san dreuchd às dèidh saor-làithean an t-samhraidh, 's tha dùil gum bi i os cionn na sgoile gu meadhan an Dàmhair.

B' ise a' chiad ceannard a bh' air an sgoil nuair a dh'fhosgail i ann an 2007.

Dh'fhag i ann an 2009.

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha a' Bh. NicLeòid, 's tha i fileanta sa Ghàidhlig.

Chuir an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, failte air an naidheachd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bithear a' sanasachd airson ceannard maireannach, a tha fileanta sa Ghàidhlig, a dh'aithghearr.