Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Plèana

Tha reubaltaich air taobh sear na h-Ugràin air gealltainn leigeil le luchd-rannsachaidh eadar-nàiseanta faighinn dhan sgìre far an tàinig itealan le Malaysian Airlines a-nuas an-dè. Tha an dà thaobh anns an t-sabaid san Ugràin air càch a chèile a choireachadh airson an itealain a spreadhadh le urchair bhon talamh. Bha còrr air dàrna leth den 298 duine air bòrd às an Òlaind. Bha fear dhuibh sin, Joep Lange, na shàr-eòlaiche air HIV agus Aids, 's mar phàirt de bhuidhinn a bha a' siubhal gu co-làbhairt mun tinneas ann an Astràilia.

Bha naoinear Breatannach air bòrd cuideachd. Chaidh fear aca ainmeachadh mar Glenn Thomas, a bha roimhe na fhear-naidheachd leis a' BhBC agus a bha mu dheireadh ag obair dha Buidheann Slàinte na Cruinne ann an Geneva. Bha dìthis eile aca, John Alder a bha sna 60an agus Liam Sweeney a bha 28 bliadhna, a' siubhal a dh'fhaicinn Newcastle Utd a' cluiche ball-coise ann an Astràilia.

Gàsa

Tha Israel deònach an iomairt armaichte aca ann an sgìre Ghàsa a leudachadh gu mòr, a rèir a' Phrìomhaire, Benjamin Netanyahu. Chaidh feachdan Israelach a-steach a Ghàsa a-raoir agus iad airson ionnsaigh a thoirt air tunnailean a bhios air an cleachdadh leis a' bhuidhinn armaichte, Hamas - rud nach gabhadh a dhèanamh bhon adhair a-mhàin, a rèir Mhgr Netanyahu. Tha sabaid air a bhith ann an-diugh eadar an dà thaobh ann an Gàsa, agus oifigich an sin ag ràdh gun deach còrr air 20 Palaistinianach a mharbhadh bho thòisich an ionnsaigh a-raoir. Chaidh aon saighdear Israelach a mharbhadh gu seo.

Deepcut

Dh'iarr an Àrd-Chùirt gun tèid rannsachadh às ùr a dhèanamh air mar a chaochaill saighdear, Private Cheryl James, aig gearastan Deepcut ann an Surrey. Chaidh a faighinn aig a' ghearastan ann an 1995, agus i air a marbhadh le aon peilear à gunna. Ràinig a' chiad rannsachadh air a bàs breith fhosgailte air a' chùis. Bha casaidean ann ge-tà gun robh i ga burraidheachd aig a' champa airm, agus dh'iarr a teaghlach rannsachadh ùr le cead an Àrd-neach Tagraidh.

Bancaichean

Thuirt Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean gu bheil iad am beachd làn-rannsachaidh iarraidh air obair bhancaichean na Rìoghachd Aonaichte. Bhiodh an dà chuid bancaireachd a' phobaill agus seirbheisean do chompanaidhean fo sgrùdadh nan tachradh an rannsachadh.