Àrdachadh air àireamh an luchd-siubhail

  • 18 An t-Luchar 2014
Itealan ann am Barraigh
Thig cùmhnant Loganair gu ceann as t-Earrach 2016.

Thàinig àrdachadh de 2.2% air an àireamh luchd-siubhail a chaidh tro phuirt-adhair na Gaidhealtachd 's nan Eilean san dàrna cairteal den bhliadhna.

Thar nan trì mìosan eadar An Giblean agus An Ògmhios, thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gun do shiubhail 8,000 duine a bharrachd tro na puirt-adhair aca, an taca ris an aon àm an-uiridh.

Thàinig fàs ann an àireamhan phuirt-adhair eileanach na buidhne air fad.

Àrdachaidhean

Chaidh 9,634 luchd-siubhail a bharrachd tro Sumburgh ann an Sealtainn, le 2,049 a bharrachd a' dol tro Phort-adhair Steòrnabhaigh.

B' ann am Barraigh a thàinig an t-àrdachadh a bu mhotha, suas 22.1%, no 569 luchd-siubhail.

Chaidh 717 luchd-siubhail a bharrachd tro Bheinn na Fadhla, àrdachadh de 9.1%, fhad 's a shiubhail 1,047 neach a bharrachd tro Kirkwall ann an Arcaibh - àrdachadh de 2.2%.

Ann an Ìle, thàinig fàs de 2.9%, no 234 luchd-siubhail.

Chaidh 1,034 luchd-siubhail a bharrachd tro Phort-adhair Inbhir Nis, far an robh iarrtas nas motha airson slighean Amsterdam, Beul Feirste, Birmingham, Manchester, Na h-Eileanan an Iar agus Na h-Eileanan mu Thuath.

Ìsleachaidhean

Thàinig an àireamh luchd-siubhail ann an Inbhir Ùige a-nuas cha-mhòr 40% ge-tà, is cùmhnant mòr ola air a thighinn gu crìch.

Thàinig ìsleachadh beag air àireamhan luchd-siubhail ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Thuirt Inglis Lyon, Àrd-Stiùiriche HIAL, gun robh an t-àrdachadh aig na puirt-adhair eileanach "misneachail dha-rìribh".

"Tha an tuilleadh iarrtas airson sheirbheisean eileanach gu sònraichte math do na coimhearsnachdan ionadail, 's tha e na dhearbhadh air inbhe nam puirt-adhair ann a bhith a' cur taic ri fàs eaconamach sna sgìrean sin.