Fèis Cheilteach Innse Gall
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh

17 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha 19 bliadhna on a chaidh Fèis Cheilteach Innse Gall a chur air chois, agus am-bliadhna bidh na Levellers, Big Country agus Donaidh Rothach am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar sa Ghearraidh Chruaidh.

Thòisich an fhèis air oidhche Chiadain, le Na Lochies agus an caraidean a' cluiche anns An Lanntair.

Bhruidhinn Ruaraidh Rothach ri cuid a tha an sàs anns an fhèis.