Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Còirichean a' Chinne Daonna

Tha na Tòraidhean ag ullachadh bile airson lagh a chuireadh smachd air na tha de chumhachd aig Cùirt Eòrpach Chòirichean a' Chinne Daonna anns an Rìoghachd Aonaichte. Bheireadh an lagh ùr tuilleadh aithne do dh'ùghdarras na Pàrlamaid. Thuirt Ministear Ceartachd nan Lib-Deamach, Simon Hughes, gun dèan iadsan an dìcheall ballrachd Bhreatainn a ghlèidheadh ann an Cùnradh Eòrpach Chòirichean a' Chinne Daonna.

Gàsa

Chaidh triùir Phailistinianach a mharbhadh ann an ionnsaighean Israelach sa mhadainn an-diugh, beagan mhionaidean mus do thòisich fois-fòirneirt ann an Gàsa. Tha Israel ag ràdh gun deach dà rocaid a losgadh à Gàsa an dèidh dhan fhois-fhòirneirt tòiseachadh. Chaidh còrr is 200 Pailistinianach a mharbhadh bho thòisich an t-sabaid as ùr bho chionn naoi là.

An Ruis

Chàin an Ruis na casg-bhannan as ùr a chuir na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach orra. Tha na casg-bhannan sin mu choinneimh na tha an Ruis a' dèanamh anns an Ugràin.

Sochairean

Tha na Libearalaich Dheamocratach a' moladh atharrachaidh air a' phoileasaidh ris an canar "cìs nan seòmraichean leapa". Tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, ag ràdh gu bheil riaghailtean nas cothromaiche a dhìth oir nach eil an siostam a th' ann ag obair. Tha na Tòraidhean ag ràdh nach eil roghainn ann ach cosgais air sochairean a ghearradh.

Inbhir Ghràinnse

Fhuair a' bhuidheann Ineos, dham buin glanadair ola Inbhir Ghràinnse, barrantas bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air iasad de £230m. Tha Ineos ag ràdh gun toir sin cothrom dhaibh air airgead a thogail a nì leasachadh air an ionad-ola ann an Inbhir Ghràinnse airson gas à clach-ghuail a thoirt a-steach às na Stàitean Aonaichte.

Gearraidhean a' BhBC

Dh'innis am BBC gun tèid 415 cosnadh làn-ùine a chall ann an roinnean naidheachd agus chùisean làitheil na buidhne. Thuirt am BBC gun sàbhail sin £48m a tha a dhìth leis nach robh àrdachadh sam bith ann an cìs a' chead-chraolaidh. Thèid faisg air 200 dreuchd ùr a stèidheachadh le airgead ùr, a' ciallachadh gur e call de bheagan a bharrachd is 120 cosnadh a bhios ann uile gu lèir.

Tiriodh

Tha dragh ann an Tiriodh nach bi seirbheisean cùraim do sheann daoine an eilein cho math fo phlanaichean a dh'fhoillsich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Seach dachaigh-chùraim àbhaisteach, tha iad a' moladh ionad beag taigheadais far am biodh cùram ga thoirt seachad. Ach tha dragh ann nach bi sin freagarrach do sheann daoine aig a bheil feum air cùram ann an cabhaig.