Eilean Luinn a' call Bus a' Phuist

  • 17 An t-Iuchar 2014
Eilean Luinn Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption B' e bus Luinn a' chiad Bhus Puist a bh' ann air Ghàidhealtachd.

Thig seirbheis Bhus a' Phuist gu crìch ann an Eilean Luinn an Earra-Ghàidheal Diardaoin.

Tha dragh air muinntir an eilein nach tèid càil a chur na àite, agus gun tèid seirbheisean cudromach a chall leis gu bheil am bus a' giùlain a' phuist, luchd-siubhail a' bhàt-aiseig agus clann-sgoile.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith a' sanasachd airson draibhear bus sgoile ach tha dragh air daoine nach eil coltas ann gum bi seirbheis ann do dh'inbhich bho seo a-mach.

"'S e call mòr a bhios ann," thuirt Uisdean MacCuinn, a tha a' fuireach ann an Luinn.

"Thòisich Bus a' Phuist 38 bliadhna air ais, agus 's e sin a' chiad Bhus a' Phuist air Ghàidhealtachd.

"'S e call mòr a bhios ann airson an fheadhainn nach eil càraichean aca.

"Bha iad ag innse dhuinn mu dheidhinn seo mu bhliadhna air ais, agus bha daoine a' feuchainn ri airgead fhaotainn airson bus a chur air againn fhèin. Ach cha d' fhuair iad gin.

"Chan eil fhios agam dè tha sinn a' dol a dhèanamh," thuirt e.