Srùbain luach £500,000 do na h-Eileanan Siar

  • 17 An t-Iuchar 2014

Dh'fhaodadh gun tèid £500,000 a chur ri eaconamaidh nan Eilean Siar ma thèid iasgach an t-srùbain fhosgladh a-mach.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air sreath de thràighean air feadh an àite, agus fhuair eòlaichean gum bhiodh e comasach srùbain a thogail orra ann an dòigh sheasmhaich.

Tha buidheann Iasgaich nan Eilean Siar ag ràdh gum feumadh an t-iasgach smachd teann a chumail air gus nach tèid sgrios a dhèanamh, ach gum faodadh cothroman math a bhith an sàs ann.

Thèid coinneamhan poblach a chumail ann an Uibhist agus Na Hearadh an ath-sheachdain mun rannsachadh a chaidh a dhèanamh.