Dachaigh chùraim ùr san amharc

  • 16 An t-Iuchar 2014
Dachaigh chùraim
Image caption Chaidh moladh gun tèid seirbheisean banaltraim agus seirbheisean cùraim a chur còmhla.

Chaidh innse do mhuinntir Thiriodh Diciadain mu phlana airson dachaigh chùraim ùr a thogail air an eilean.

Tha an dachaigh a th' ann, Taigh an Rudha, sean agus tha dragh air cuid gun tèid daoine a tha feumach air cùram a ghluasad gu Tìr Mòr.

Ach leis a' ghoireas ùr, thig atharrachadh air an t-seirbheis a th' ann cuideachd.

Lagh ùr

Tha Taigh an Rudha ann an Sgairinis a' fàs sean agus feumach air obair-leasachaidh.

Chaidh innse do mhuinntir an eilein aig a' choinneimh phoblaich Diciadain gun tèid àite ùr a thogail, ged nach eil fhios aig an ìre seo càite an tèid a thogail.

Chaidh moladh cuideachd gun tèid seirbheisean banaltraim agus seirbheisean cùraim a chur còmhla - an dèidh do lagh ùr a thighinn a-steach sa Ghearran, a' toirt air bùird shlàinte agus seirbheisean sòisealta na comhairle co-obrachadh nas dlùithe.

Thathar an dòchas, le bhith a' cur nan seirbheisean còmhla, nach bi strì eatorra a thaobh cò a bu chòir dèiligeadh ri neach a tha feumach air taic.

Tha coltas gum faodadh an dachaigh ùr a bhith coltach ri Bowman Court ann am Muile, le flataichean beaga do gach neach-còmhnaidh.

Draghail

Tha draghan air nochdadh ann am Muile ge-tà, leis gur ann le buidheann taigheadais a tha an t-àite agus gu bheil iadsan, mar a bhiodh dùil, airson 's gum bi na flataichean uile air an lìonadh.

Tha dragh ann gum faodadh suidheachadh nochdadh far a bheil cuideigin feumach air taic ann an aithghearrachd, 's nach biodh àite ri fhaotainn.

Tha muinntir Thiriodh cuideachd draghail gum faodadh an dearbh rud tachairt dhaibhsan.

Thuirt Comhairliche na sgìre, Ruairidh MacCumhais, gur e deagh naidheachd a tha seo, o chionn 's gu bheil a-nise beachd ann gum faodadh daoine cùram fhaotainn air an eilean san àm ri teachd.

Aig aon àm, bha draghan air cuid gum feumadh an leithid de dhaoine an t-eilean fhàgail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile