Seirbheis ùr do thuathanaich

  • 16 An t-Iuchar 2014
Heileacoptair
Image caption Tha dùil gun gabh an siostam leudachadh a-mach gu luchd-obrach eile.

Thòisich Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach agus Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba iomairt sàbhailteachd ùr do thuathanaich ann an sgìrean iomallach na dùthcha.

Leigidh an siostam ùr le luchd-àiteachais innse gu dìreach càite a bheil iad ann an suidheachadh èiginneach.

Thathas a' brosnachadh chroitearan agus thuathanach a bhith a' cleachdadh an t-siostam, a tha stèidhichte air comharran griod, a leigeas le luchd-eiridinn an lorg gu furasta ma tha iad ann an èiginn.

Gheibheadh iad càirt a dheadh nam pòcaid, a dh'innseadh dhaibh comharran griod air pìosan den fhearann aca a tha furasta a lorg bho heileacoptair.

Tha an fheadhainn a th' air cùlaibh an sgeama an dòchas gun leig seo le luchd-eiridinn tuathanaich agus croitearan a th' ann an èiginn, an dèidh tubaiste mar eisimpleir, a lorg nas luaithe.

Tha dùil gun gabh an siostam sgaoileadh a-mach am measg luchd-obrach eile ann an sgìrean iomallach, leithid gheamairean, luchd-coille agus luchd-obrach oighreachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile