Fianais ga h-iarraidh air co-dhùnadh ghunnaichean

  • 16 An t-Iuchar 2014
Oifigear Armaichte
Image caption Tha oifigearan armaichte a-niste air sràidean na Gàidhealtachd.

Chaidh iarraidh air Àrd-Chonstabal Phoileas na h-Alba fiosrachadh a fhuair am measadh cunnairt air an deach an co-dhùnadh leigeil le oifigearan poilis air Ghàidhealtachd gunnaichean a ghiùlain fhoillseachadh.

Tha gu bheil oifigearan armaichte air sràidean na sgìre gu cunbhalach air dragh a chur air mòran dhaoine.

Tha BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bhàideanaich, Daibhidh MacThòmais, air sgrìobhadh gu Sir Stephen House, 's e ag iarraidh air am fiosrachadh a dh'innis do na Poilis gun robh adhbhar gunnaichean a ghiùlain air Ghàidhealtachd fhoillseachadh.

"Bha dragh orm nuair a chunnaic mi an dealbh sna pàipearan an-diugh sa mhadainn, de thriùir oifigearan air an armachadh le dagannan ri an cruachain, le nòta ag ràdh gun robh dithis eile cuideachd air sràidean Inbhir Nis aig an aon àm," thuirt Mgr MacThòmais.

"'S e an tuigse a bh' agamsa gur e àireamh glè bheag de dh'oifigearan a th' air an armachadh fad an t-siubhail. Dithis 's dòcha, air Ghàidhealtachd, sin a bha dùil agamsa.

Dearbhadh

"Mar sin, tha dragh orm ma tha còignear ann a-niste.

"Saoilidh mi gum feum Sir Stephen House dha-rìribh a-niste dearbhadh dhuinn gun gabh an co-dhùnadh seo fhìrinneachadh.

"Ma tha am measadh cunnairt a' sealltainn gu bheil cunnart ann dha-rìribh dhan phoball, a dh'fheumas freagairt sa bhad bho oifigearan armaichte, cuiridh mise taic ris a' cho-dhùnadh," thuirt e.

Thuirt na Poilis roimhe gur e na bha de ghunnaichean air an clàradh aig daoine air Ghàidhealtachd a thug orra an co-dhùnadh a dhèanamh.

Tha am poileasaidh an sàs air feadh gach sgìre de dh'Alba bho thàinig am feachd nàiseanta gu bith sa Ghiblean an-uiridh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile