Seòlaidhean .scot rim faotainn air an eadar-lìon

  • 15 An t-Luchar 2014

Chaidh àrainn-lìn ùr àrd-ìre fhoillseachadh airson na h-Alba.

Faodaidh daoine a chruthaichicheas làraichean-lìn, no a thaghas seòladh puist-d, a-niste an crìochnachadh le .scot ma thogras iad.

Tha dùil gun tèid mu 50 làrach leis an deireadh sin orra, fhoillseachadh Dimàirt.

Am measg nam buidhnean a th' air an deireadh ùr a ghabhail, tha Riaghaltas na h-Alba, an dà iomairt ann an referendum na neo-eisimeileachd, WWF na h-Alba, NHS na h-Alba, agus Scouts na h-Alba.

Thall-thairis, tha buidhnean leithid nan Louisiana Scots agus Clan Wallace cuideachd a-niste ga chleachdadh.

A thuilleadh air .scot, tha cuideachd .wales, .london, .berlin agus .NYC cuideachd a-niste rim faotainn do dhaoine a thaghas iad.

Chaidh an deireadh ùr fhoillseachadh an dèidh don chompanaidh neo-phrothaideach Dot Scot Registry, tighinn gu aonta le riaghladairean eadar-nàiseanta Icann gun obraicheadh iad còmhla air an àrainn-lìn ùir.

Chaidh a chur gu dol aig meadhan là Dimàirt, le dùil gun toireadh e grunn uairean de thìde mus biodh na làraichean a bhios ga chleachdadh rim faotainn.