Òigridh 'nas fheàrr dheth san Aonadh'

  • 15 An t-Iuchar 2014
Ruth Davidson Image copyright PA
Image caption Thuirt Ruth Davidson gu bheil "dleastanas" air an luchd-bhòtaidh airson nan ginealaichean ri teachd.

Bheireadh bhòt airson neo-eisimeileachd anns an referendum san t-Sultain cothroman air falbh bho dhaoine òga, a rèir Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson.

Ann an òraid ann an Glaschu, thuirt Ms Davidson gun toireadh fuireach san Rìoghachd Aonaichte "cothroman nas fheàrr, seach sealladh nas cumhang" do dhaoine òga.

Thuirt i gu bheil "dleastanas" air an luchd-bhòtaidh airson nan ginealaichean ri teachd.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh "barrachd obraichean agus obraichean nas fheàrr" do dhaoine òga.

Iomairt

Rinn Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba òraid do dh'Albannaich òga, mar phàirt de dh'iomairt a' pàrtaidh gus Alba a chumail anns an Aonadh.

"Ma bhòtas sinn airson an RA fhàgail, bhiodh sinn a' dùnadh dheth slighean chothromach do dh'òigridh na h-Alba a th' air a bhith ann fad ghinealaichean," thuirt i.

"Bhiodh sinn a' dèanamh dì-meas air Albannaich òga.

"Tha an òigridh againne cho dealasach agus miannach air adhartas ri an co-aoisich air feadh an t-saoghail.

"Tha an comas aca soirbheachadh nam beathannan - an tàlant, an spionnadh agus an daingneachd airson buaidh a thoirt air an t-saoghal.

"Tha e na dhleastanas oirnne dèanamh cinnteach gum bi an cothrom as fheàrr aca an làn-chomas a ruighinn."

Beartas

Thuirt labhraiche às leth Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal: "Le neo-eisimeileachd faodaidh sinn dèanamh cinnteach gun toir ar beartas barrachd chothroman do dhaoine a tha a' fuireach an seo.

"Bhiodh sin a' ciallachadh barrachd obraichean agus obraichean nas fheàrr, tèarainteachd a thaobh ionmhais agus cothroman nas fheàrr do ar n-òigridh."

Thuirt e cuideachd: "Tha am Pàrtaidh Tòraidheach air foghlam àrd-ìre an asgaidh a thoirt às a chèile aig deas, tha iad a' cutadh siostam nan sochairean, agus a' gluasad an NHS dhan roinn phrìobhaidich.

"Mean air mhean, tha iad a' milleadh chothroman a th' air a bhith gan togail thar ghinealaichean."