Am Ploc
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cead-dealbhachaidh ga dhiùltadh sa Phloc

15 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do leasachadh a bha an Eaglais Shaor ag iarraidh a dhèanamh anns a' Phloc.

Bha mòran de mhuinntir an àite air cuir na aghaidh, 's iad ag ràdh gum milleadh e sealladh sgìre ghlèidhteachais, agus gun toireadh e droch bhuaidh air taighean mun cuairt.

An dèidh tadhal air an làraich, chaidh comhairlichean an aghaidh plana na h-Eaglaise.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.