Buidheann Gaeilge ga dùnadh

  • 15 An t-Iuchar 2014
Comhdháil Náisiúnta na Gaeilge Image copyright other
Image caption Bha a' Chomhdháil cuideachd a' ruith na làraich naidheachdan Gaeilge Gaelport.com

Tha buidheann a th' air a bhith aig aghaidh coimhearsnachd na Gaeilge ann an Èirinn air innse gu bheil iad a' dùnadh.

Chaidh am maoineachadh a bha Comhdháil Náisiúnta na Gaeilge a' faighinn a stad bhon 30mh là den Ògmhios am-bliadhna, agus a' bhuidheann Foras na Gaeilge, a tha an urra ri maoineachadh, air co-dhùnadh nach i tè de na sia buidhnean a gheibheadh airgead san àm ri teachd.

Chaill sianar a bha ag obair aig a' bhuidhinn an cosnadh.

Bha Foras na Gaeilge air a bhith a' tarraing modal maoineachaidh ùir, ri linn ghearraidhean. Cha tàinig a' Chomhdháil a rèir phrìomhachasan an amais sin.

Chaidh a' Chomhdháil a chur air bhonn ann an 1943, mar bhuidhinn co-òrdanachaidh nam buidhnean saor-thoileach a tha ag obair an lùib leasachadh na Gaeilge ann an Èirinn.

Bha a' bhuidheann cuideachd a' sgrùdadh a h-uile pìos reachdais a rachadh tro Phàrlamaid na h-Èireann, agus a' moladh atharrachaidhean ma bha iad a dhìth gus a dhèanamh freagarrach a thaobh inbhe na Gaeilge mar chànan oifigeil na stàite.

Tha iad cuideachd air a bhith an lùib a bhith a' cur air dòigh Cuairt nam Bàrd - turas de bhàird agus luchd-ciùil às Èirinn ann an Alba, agus an rathad eile, gach bliadhna, am measg phròiseactan eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile