Port-fànais do dh'Alba?

  • 15 An t-Iuchar 2014
Ro-dhealbh de Skylon Image copyright Reaction Engines
Image caption Bhiodh am port-fànais air a' chiad fhear de sheòrsa taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte.

Thèid geàrr-liosta ainmeachadh Dimàirt de dh'àiteachan far am faodadh a' chiad phort-fànais ann am Breatainn a bhith air a thogail.

Thathas a' tuigsinn gu bheil sia a-mach às na h-ochd àiteachan ann an Alba, le Steòrnabhagh nam measg.

Bidh Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, aig Fèill Itealan Farnborough far an ainmich e ochd àiteannan a dh'fhaodadh am port-fànais fhaighinn.

Am measg nan àiteannan tha seann làrach an RAF ann an Cinn Lois agus fear eile aig Inbhir Lòsaidh air costa Mhoireibh.

Thathar an dùil gu bheil cothrom cuideachd aig seann làrach Mhinistreachd an Dìon aig Machaire Shànais an Cinn Tìre, agus ionad an RAF anns an Luachair, Fìobha.

Tha Riaghaltas Bhreatainn an dùil gun cuidicheadh port-fànais ùr le bhith a' dèanamh barrachd mhalairt choimearsalta agus gum biodh e na tharraing do dh'iomairtean turasachd bho leithid nan companaidhean Virgin Galactic agus Xcor.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a bheir leasachadh air gnìomhachas fànais na dùthcha.

Bhiodh am port-fànais air a' chiad fhear de sheòrsa taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte.