Cead-dealbhachaidh ga dhiùltadh sa Phloc

  • 15 An t-Iuchar 2014
Am Ploc
Image caption Bha mòran anns a' bhaile air cur an aghaidh an leasachaidh, 's iad a' cumail a-mach gum milleadh e bòidhchead an àite.

Tha comhairlichean air Ghàidhealtachd air cead a dhiùltadh do dh'Eaglais Shaoir a' Phluic pìos talmhainn a reic airson taigheadais.

Cheannaich an coithional seann Eaglais na h-Alba anns a' bhaile agus dùil aca pìos fearainn le cead-dealbhachaidh airson taigh a thogail air a reic.

Ach dh'aontaich comhairlichean cead a dhiùltadh, 's iad ag ràdh gun toireadh e droch bhuaidh air cuid de dhaoine a tha fuireach ann am flataichean faisg air làimh.

Gàrradh

'S ann eadar an t-seann Eaglais Shaor, a tha nise na flataichean, agus an t-seann mhansa, a tha na thaigh còmhnaidh prìobhaideach, a tha am pìos talmhainn.

Bha coithional na h-Eaglaise Saoire air seann Eaglais na h-Alba anns a' bhaile a cheannach; 's e airgead an t-seann ghàrraidh a bha a' dol a phàigheadh airson sin, 's iad a' dol ga reic le cead taigh a thogail air.

Ach an dèidh do chomataidh dealbhachaidh na sgìre sùil a thoirt air an làraich, dhiùlt iad cead.

Bha mòran anns a' bhaile air cur an aghaidh an leasachaidh, 's iad a' cumail a-mach gum milleadh e bòidhchead an àite.

Adhbharan

B' e gun cumadh an togalach a bha san amharc an solas bho flat anns an t-seann eaglais am prìomh adhbhar a chaidh cead-dealbhachaidh a dhiùltadh.

An dara adhbhar, 's e gur e sgìre ghlèidhteachais a th' anns a' Phloc, 's bha comhairlichean airson an ceangal eadar an t-seann eaglais agus an t-seann mhansa a ghleidheadh na ghàrradh fosgailte, mar a bha e gu h-eachdraidheil.

Leis gur e meud an togalaich a bha na thrioblaid, dh'fhàgadh sin gnothaichean fosgailte dhan Eaglais Shaoir tilleadh gus cead iarraidh airson taigh nas lugha nach cumadh an solas bho nàbaidhean.

Chan eilear air tighinn gu co-dhùnaidhean sam bith aig an ìre seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo