Fios mu chosgaisean bho Ofgem

Crann-gaoithe Dh'innis Ofgem gun tèid càball fon mhuir eadar Gallaibh agus Moireibh airson dealan ath-nuadhachail a chur ris an lìonra nàiseanta.

Sgeulachdan co-cheangailte

Dh'fhoillsich riaghaladair a' chumhachd, Ofgem, tuilleadh fiosrachaidh air na chosgas e do chompanaidhean ceangal ris a' Ghriod Nàiseanta bho 2016.

Tha e coltach nach cosg e uimhir do chompanaidhean ath-nuadhachail seach nach eil iad a' cur uimhir de chuideam air an lìonra.

Dh'innis Ofgem an t-seachdain seo chaidh gun tèid càball fon mhuir eadar Gallaibh agus Moireibh airson dealan ath-nuadhachail a chur ris an lìonra nàiseanta.

Thuirt an t-eòlaiche chumhachd, Murchadh Moireach, gur e ceum math a tha seo.

Thuirt e gu bheilear air gabhail a-steach an eadar-dhealachaidh a th' eadar a bhith ag obair air cumhachd ath-nuadhachail an taca ri tùirbinnean gas is eile, 's gu bheil e cuideachd a' toirt barrachd chothrom do chumhachd ath-nuadhachail a bhith air a chleachdadh air iomall na dùthcha.

Mì-chinnt

Anns na h-Eileanan Siar, chan eil cinnt fhathast air càball ùr eadar iad fhèin agus Tìr Mòr.

Thuirt Mgr Moireach gu bheil e cudromach, aig an ìre seo, gu bheil Ofgem a' gabhail a-steach nach eil cumhachd ath-nuadhachail ga chruthachadh fad an t-siubhail, agus gur e sin pàirt den adhbhar gu bheil lùghdachadh air a' chosgais.

Bheachdaich e cuideachd gum faodadh an càball a thathas a' cur an sàs tarsainn Linne Mhoireibh a bhith na chuideachadh a thaobh chosgaisean ann an sgìrean eile.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a-nis a' ciallachadh nach eil an aon chosgais gu bhith tighinn air Sealtainn, mar eisimpleir. Eadar Sealtainn agus Eilginn, tha pàirt den sin gu bhith air a thoirt a-steach anns a' chosgais a tha seo, leis a' chàball a thathas a' cur an sàs," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gur dòcha cuideachd gum bu chòir sùil a thoirt air a' chàball eadar a' Mhanachainn agus Ulapul.

Nan deadh sùil às ùr a thoirt air an sin, thuirt e gum faodadh gur e am pìos càbaill a tha a' dol fon mhuir a-mhàin a dheadh ri cosgaisean an luchd-leasachaidh sna h-Eileanan.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil ceum ann an sin fhathast ri ghabhail," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.