'Feumaidh Alba Ceann-Stàite a thaghadh'

  • 14 An t-Iuchar 2014
A' Bhànrigh Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ailig Salmond gu bheil spèis aig muinntir na h-Alba dhan Bhànrigh.

Feumaidh cothrom a bhith aig Alba neo-eisimeileach Ceann-Stàite a thaghadh, a rèir poblachdaich Albannach.

Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn gun cumar a' Bhànrigh mar Cheann-Stàite ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd san referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Thuirt a' bhuidheann Republic ge-tà, gum biodh an leithid "neo-sheasmhach, neo-dheamocratach, agus às aonais mac-meanmna".

Bidh a' bhuidheann a' sireadh barrachd taic dhan argamaid seo aig a' cho-labhairt bhliadhnail aca air Disathairne, ann an Dùn Èideann.

Seasamh an riaghaltais

Chaidh seasamh Riaghaltas na h-Alba air a' Bhànrigh a chur an cèill nan dreach eadar-amail de Bhun-reachd na h-Alba, a dheadh ùrachadh le dreach fad-ùineach nan deadh bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Àrd-Oifigear Republic, Graham Mac a' Ghobhainn, gum bu chòir dhan dreach a bhith air atharrachadh gus leigeil le muinntir Alba neo-eisimeileach an Ceann-Stàit fhèin a thaghadh.

"Tha an dreach den bhun-reachd a' gealltainnn gum bi muinntir na h-Alba uachdarail, ach 's e gealladh gun cho-ghealladh a tha sin ma tha an oifis as àirde san dùthaich do-ruigsinneach do dhaoine àbhaisteach," thuirt e.

Taic poblachdach

Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air a ràdh "nach eil còmhstri sam bith" eadar gach cuid fèin-aithne làidir Albannach agus meas dhan a' Bhànrigh a bhith aig duine.

Thuirt e cuideachd gu bheil spèis dhan Bhànrigh ann an Alba "gun lùghdachadh" agus "làidir".

Bidh Donnchadh Ross, a tha na òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu agus a bha roimhe na rùnaire nàiseanta aig an SNP, agus Iain Bell, aig a bheil colbhan ann am pàipearan-naidheachd, a' dèanamh òraidean aig co-labhairt Republic.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile