Plèanaichean ùra do shlighean eileanach

Itealan ann am Barraigh Thig cùmhnant Loganair gu ceann as t-Earrach 2016.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse gu bheil iad airson dà itealan ùr a cheannach airson sgìrean Bharraigh, Tiriodh agus Chinn Loch Chille Chiarain a fhrithealadh.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh sealbh a bhith aca air na plèanaichean seach a bhith a' crochadh air companaidh choimearsalta plèanaichean a chur air na slighean, agus an uair sin gum biodh cùmhnant nan seirbheisean sin nas tarraingiche nuair a thèid iad a-mach gu tairgse an ath-bhliadhna.

'S iad plèanaichean Twin Otter a tha iad ag ràdh a tha iad ag iarraidh airson nan slighean air a bheil òrdugh seirbheis phoblaich.

"Thar nam bliadhnaichean, an duilgheadas a th' ann tha mi a' smaoineachadh, 's e nach robh na companaidhean a tha a' ruith na seirbheis deònach plèanaichean ùra a cheannach," thuirt an Comh. Dòmhnall Manford.

"Le sin, ged a tha plèanaichean a-niste ann gan reic, mur a bheil companaidh airson an t-ionmhas a chur a-mach orra, cha bhi iad againn mur a bheil dòigh eile againn air am faighinn.

Naidheachd mhòr

"'S e naidheachd mhòr, mhòr a tha seo. Chan eil mi a' smaointinn gun do thachair e roimhe, far a bheil riaghaltas a' ceannach nan uidheaman airson an t-seirbheis a chur ann.

"Bha an t-seirbheis air a dhol gu bàs gu seo," thuirt e.

'S e Loganair a tha a' ruith na seirbheis an-dràsta, ach tha an cùmhnant a' tighinn gu ceann as t-Earrach 2016.

Tha an cùmhnant ùr airson an t-seirbheis a ruith fosgailte do dhuine sam bith, ach 's ann le Riaghaltas na h-Alba a bhios na plèanaichean fhèin.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.