Cead do chàball fo Linne Mhoireibh

  • 11 An t-Luchar 2014
Tuath-Gaoithe Mara
Nì an càball, anns am bi còrr is 100 mìle de dh'fhaid, ceangal eadar Gallaibh agus Moireibh.

Chuir riaghladair a' chumhachd, Ofgem, taic ri plana airson càball dealain a chur fo Linne Mhoireibh.

Nì an càball, anns am bi còrr is 100 mìle de dh'fhaid, ceangal eadar Gallaibh agus Moireibh agus dh'fhaodadh gun cuir e 1.2 gigawatt de chumhachd ris a' Ghriod Nàiseanta.

Cosgaidh am pròiseact mu £1.2bn.

Tha planaichean mar-thà san amharc airson sgeamaichean ath-nuadhachail san sgìre, nam measg, tuath-gaoithe anns am bi còrr is 300 crann ann an Linne Mhoireibh.

Cead

Leis gun tug Ofgem cead dhan sgeama, thuirt SSE gu bheilear an dùil gum bi an càball stèidhte ann an 2018.

'S iad a' bhuidheann SHE Transmission - a tha nam pàirt den bhuidhinn Scottish and Southern Energy - a bhios os cionn na pròiseict.

Thuirt iad gum bi an càball na chuideachadh le bhith a' coileanadh thargaidean a thaobh a bhith a' cruthachadh tuilleadh cumhachd ath-nuadhachail, aig prìs nas ìsle dhan luchd-ceannach.

Thuirt Màrtainn Crouch bho riaghladair a' chumhachd, Ofgem, gur e ceum mòr air adhart a bha seo airson leasachadh a thoirt air a' Ghriod Nàiseanta.