NHS nan Eilean Siar gan càineadh

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall taic a thoirt do dh'euslaintich.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil NHS nan Eilean Siar a' toirt feart air an trioblaid a th' aig muinntir Uibhist a bhith a' frithealadh sheirbheisean slàinte air Tìr Mòr.

Sin a rèir fear de chomhairlichean na sgìre, Raghnall MacFhionghain.

Tha an Comhairliche air bruidhinn a-mach an dèidh do bhoireannaich a bhith air an gairm gu clionaig na Seirbheis Sgrùdaidh Broillich ann an Inbhir Nis air Diluain.

Chan eil Diluain freagarrach dha na h-Uibhistich ri linn 's mar a chaidh clàr-ama nan seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Inbhir Nis a lùghdachadh.

Trioblaidean siubhail

Tha muinntir Uibhist den bheachd nach eil NHS nan Eilean Siar a' dèanamh gu leòr gus clionaigean a dh'fheumas iad a fhrithealadh air Tìr Mòr a chumail air làithean a tha freagarrach dhaibh.

Tha lùghdachadh ann an seirbheisean adhair a' fàgail gu bheil trioblaid aig daoine às an sgìre faighinn gu seirbheisean slàinte ann an Inbhir Nis air cuid de làithean.

Nam bithear a' dol ann air a' phleana, bhiodh aca ri siubhail a dh'Inbhir Nis air an Diardaoin ro-làimh agus tilleadh dhachaigh Dimàirt.

Chan eil roghainn aig mòran ach an turas fada a dhèanamh air a' bhàt'-aiseig agus air an rathad.

Dleastanas

A rèir Mhgr MhicFhionghain ge-tà, tha dleastanas air NHS nan Eilean Siar a bhith mothachail air na tha a' tachairt.

Thuirt e gu bheilear air "bruidhinn ri bòrd na slàinte 100 trup" mun seo.

Plèana Tha lùghdachadh ann an seirbheisean adhair a' fàgail gu bheil trioblaid aig daoine às an sgìre faighinn gu seirbheisean slàinte ann an Inbhir Nis.

Leis gu bheil fios aca mu na duilgheadasan siubhail, thuirt Mgr MacFhionghain: "Bha còir acasan a bhith a' cur brath chun a h-uile duine a th' ann, ag ràdh riutha, na toiribh seachad brath do dhuine sam bith ach air Dimàirt, Diciadain is Diardaoin."

"Mar a tha na feadhainn seo an-dràsta, cuin a dh'fheumas iad falbh no cuin a thilleas iad air ais, tha sin a' dol a chosg fortain dhan Bhòrd Shlàinte.

"Chan eil iad a' coimhead air an seo ann an taobh dòigheil," thuirt e.

Dìcheall

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall taic a thoirt do dh'euslaintich a dh'fheumas seirbheisean còmhdhail eadar-dhealaichte a chleachdadh gus faighinn dhan ospadal.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag atharrachadh nan ceann-là a tha iad a' toirt do dh'euslaintich gus am bi iad nas freagarraiche a thaobh clàr-ama nam plèanaichean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.