CalMac amharasach mu bhanaichean bheaga

Cidhe Armadail On seo a-mach, bidh bhanaichean bheaga gan cothromachadh air drochaidean cothromachaidh aig na cidheachan mus tèid iad air bòrd.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tòisichidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' tomhas cuideam nam bhanaichean bheaga a tha a' cleachdadh an cuid aiseagan, 's dragh ann gu bheil daoine a' feuchainn ri brath a ghabhail air faraidhean nas ìsle.

Leis nach eil RET ri fhaighinn air carbadan coimearsalta a tha còir air sia meatair de dh'fhaid, tha CalMac ag ràdh gu bheil cuid a' lìonadh bhanaichean nas lugha le cus stuth agus nach eil sin idir sàbhailte.

Bho chionn dà bhliadhna, cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba nach bi a' faighinn faraidhean RET ach carbadan nas lugha na 6 meatair.

Ach tha a h-uile coltas gu bheil sin air duilgheadasan adhbharachadh ris nach robh dùil.

Sàbhailteachd

Tha cuid de dhaoine a' lìonadh bhanaichean bheaga chun na h-ìre 's gu bheil iad a' dol thairis - fada thairis ann an cuid de shuidheachaidhean - air na thathar a' comharrachadh dhaibh gu h-oifigeil.

A rèir riaghailtean an rathaid, tha seo mì-laghail, 's tha companaidhean bathair a-nis ag ràdh gu bheil e a' toirt buaidh air na gnìomhachasan acasan, 's iad air gearain oifigeil a thogail le CalMac.

On seo a-mach, bidh bhanaichean bheaga gan cothromachadh air drochaidean cothromachaidh aig na cidheachan mus tèid iad air bòrd, gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a' leantainn nan riaghailtean mar a bu chòir.

Tha CalMac air a ràdh gun cuir iad bacadh air bhana sam bith a tha thairis air a' chuideam cheadaichte.

Thuirt fear-labhairt nach eilear ag atharrachadh prìs nam faraidhean, 's gur ann mu dheidhinn sàbhailteachd a tha seo, leis gum feum iad a bhith faiceallach dè an cuideam a bhios ann an raon-chàraichean nan aiseagan.

Thuirt e, leis gu bheil daoine a' briseadh an lagh agus ag adhbharachadh cunnart aig an aon àm, nach robh roghainn eile aca ach dèiligeadh leis gu sgiobalta.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.