Tubaist cheimigeach aig Taigh-staile Chlynelish

  • 9 An t-Iuchar 2014
Taigh-staile Chlynelish ann am Brùra Image copyright Bill Henderson/Geograph
Image caption Chaidh stuthan ceimigeach a chur an ceann a chèile le mearachd aig Taigh-staile Chlynelish ann am Brùra.

Chaidh fear de luchd-obrach taigh-staile sa cheann a tuath a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaiste ceimigich.

Thachair e air oidhche Mhàirt, nuair a chaidh stuthan ceimigeach a chur an ceann a chèile le mearachd aig Taigh-staile Chlynelish ann am Brùra.

Ach cha robh an duine air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginn mu 6:45f, an dèidh do dhà sheòrsa stuth cheimigich, nach robh còir a chur an ceann a chèile, measgachadh - 's rinn sin gas chlòrain.

Luchd-smàlaidh

Chaidh mu 30 luchd-smàlaidh a ghairm chun na làraich - à criuthaichean Ghoillspidh, Bun Illidh, Inbhir Ghòrdain agus Inbhir Nis - le cuid dhiubh ann an èididhean dìon sònraichte.

Chaidh aca air an tanca às an robh an gas a' tighinn a dhèanamh sàbhailte.

Bha fear den luchd-obrach air an gas a ghabhail air anail, 's chaidh a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, le trioblaidean analach.

Chaidh a chumail a-staigh tron oidhche, ach tha e ceart gu leòr.

Thuirt a' chompanaidh gu bheilear toilichte mar a chaidh dèiligeadh leis an t-suidheachadh, 's nach deach duine a dhroch ghoirteachadh.