Sgeama chumhachd nan tonn air fàire

Taobh Siar na Hearadh Tha aig an Urras a-niste ri companaidh a lorg a bheir am pròiseact air adhart.

Tha Urras Taobh Siar na Hearadh air aonta a ruighinn le Comhairle nan Eilean Siar agus Ionad Chumachd Mara na h-Eòrpa (EMEC), a tha suidhichte ann an Arcaibh, airson làrach deuchainn a dheànamh airson innealan chumhachd nan tonn.

Dh'fhoillsichear na planaichean airson na raointean mara agus iad gan cuir air dòigh far chosta Ìle agus na Hearadh.

"Fhuair sinn cead airson an gabhaltas a ghabhail," thuirt Stiùiriche Chumhachd Ath-Nuadhachail an Urrais, Ruairidh MacllFhinnein.

"Tha sinn am beachd sgrùdadh a dhèanamh, tha sinn an dòchas, air grunnd a' chuain airson innealan a chur ann a bheir dhuinn cumhachd.

"An t-àite anns a bheil iad gu bhith, bidh iad gu math mòr, agus chanainnsa an fheadhainn a chuireas iad a-mach ann an siud gum feumadh iad a bhith gu math tapaidh, o chionn, tha droch mhuir a-muigh ann.

"Tha seo a-muigh air cùl Cheapabhail, air an rathad a-mach a Hiort anns a' chuan fhosgailte.

Start Quote

Tha sinn an dòchas gum bi seo na rud math dhan Urras, agus tha sinn an dòchas gun toir e a-steach obraichean.”

End Quote Ruairidh MacllFhinnein Urras Taobh Siar na Hearadh
Obraichean

"Bha sinn am beachd nam faigheamaid rud a chur na b' fhaide a-steach gum biodh e na bu fhreagarraiche dhuinn, ach 's dòcha nach fhaigh sinn air sin a dhèanamh, o chionn chan fhaigh thu ach dìreach an rud a chuireas an Crùn a-mach air do shon.

"Tha sinn an dòchas gum bi seo na rud math dhan Urras, agus tha sinn an dòchas gun toir e a-steach obraichean.

"An rud a bu toil leinn fhaicinn, 's e gun cuireadh EMEC oifis ann an seo air taobh an iar na Hearadh airson an gnothach a làimhseachadh.

"A-niste seach gu bheil an gabhaltas againn, feumaidh sinn daoine a lorg a chuireas gnothaichean air adhart.

"Agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn daoine a chuireas innealan a-muigh an seo far a bheil an gabhaltas againn, o chionn tha e doirbh gabhaltas fhaighinn.

"Chan urrainn dhut an rud a dhèanamh 's a chaitheamh a-mach air a' mhuir an àite sam bith. Feumaidh tu cead fhaighinn on Chrùn, agus chan fhaod thu a chur ach dìreach far a bheil iadsan ag innse dhut," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.