Sùim airgid ga goid bho chaillich

  • 9 An t-Iuchar 2014
Poileas
Image caption Thuirt Seargent Daibhidh Fearghasdan gur e sùim mhòr airgid a chaill i, agus dh'iarr e air daoine a bhith air am faiceall.

Tha na Poilis ann an Earra-Ghàidheal a' lorg neach a ghoid sùim mhòr airgid bho chunntas-banca caillich air Tairbeart Loch Fìne.

Chuir iad fòn chun a' bhoireannaich, a tha 80, agus iad a' toirt a chreids' gur ann dhan bhanca a bha iad ag obair.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach innse dhan chaillich gun robh duilgheadas ann leis a' chunntas-banca aice agus gun robh aca ri airgead a ghluasad gu cunntas eile.

Thug am boireannach seachad am fiosrachadh a bha a dhìth.

Faiceallach

Chaidh innse dhi gum faigheadh i an t-airgead air ais nuair a dheadh an gnothach a chur ceart.

Nuair nach do thachair sin ge-tà, chuir i fios chun nam Poileas.

Thuirt Seargent Daibhidh Fearghasdan gur e sùim mhòr airgid a chaill i, agus dh'iarr e air daoine a bhith air am faiceall.

Ma 's e 's gun iarr cuideigin fiosrachadh bhuat mu chunntas-banca, thuirt e gu bheil còir agad fios a chur chun a' bhanca fhèin cho luath 's a ghabhas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile