Obair mhòr fhathast ron Bhòrd

  • 9 An t-Luchar 2014
Bòrd na Gàidhlig
A rèir nam figearan bhon chunntas-sluaigh ann an 2011, dh'fhuirich àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu nàiseanta aig cha-mhòr an aon ìre 's a bha i aig a' chunntas-sluaigh ron a sin ann an 2001.

Dh'aidich Bòrd na Gàidhlig gu bheil obair mhòr fhathast romhpa gus an cànan a thoirt air adhart ann an sgìrean dùthchail leithid nan Eilean Siar.

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Iain Caimbeul, gu bheilear airson obrachadh nas fheàrr còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus buidhnean iomairt gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd obraichean rim faotainn do dhaoine sna sgìrean sin.

Bha Mgr Caimbeul a' bruidhinn às dèidh dhan Bhòrd an aithisg bhliadhnail fhoillseachadh.

Cunntas-sluaigh

A rèir nam figearan bhon chunntas-sluaigh ann an 2011, dh'fhuirich àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu nàiseanta aig cha-mhòr an aon ìre 's a bha i aig a' chunntas-sluaigh ron a sin ann an 2001.

Cha-mhòr nach tàinig stad air a' chrìonadh a bh' air fhaicinn thar ghrunn bhliadhnaichean.

Bha sin na adhbhar mhisneachd mòr do Bhòrd na Gàidhlig 's iad a' foillseachadh na h-aithisg bhliadhnail aca Dimàirt.

Tha Bòrd na Gàidhlig den bheachd gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith na bhrosnachadh mòr dhan chànan, 's gu bheilear a-nis a' faicinn na buannachd bhuaithe.

Soirbheachail

"Tha an aithisg bhliadhnail a' sealltainn gu bheil am Bòrd air a bhith gu math soirbheachail am-bliadhna, gu h-àraidh a thaobh foghlaim, far a bheil deagh àrdachadh a' tighinn air an àireamh chloinne a th' anns an sgoil.

"'S e fìor dheagh naidheachd a th' ann don Bhòrd, do phàrantan agus airson na dùthcha air fad," thuirt Mgr Caimbeul.

Ged a thàinig àrdachadh de 13% san àireamh de chloinn a thòisich air Clas 1 am-bliadhna, tha am Bòrd mothachail gu bheil dùbhlan mòr fhathast air thoiseach orra.

"Tha tòrr mòr obrach ri dhèanamh fhathast airson an amas a chaidh a chur romhainn leis an Riaghaltas - 800 a bhith a' tòiseachadh ann an Clas 1 ann an 2017. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air an t-slighe, ach tha tòrr obrach ri dhèanamh gun teagamh sam bith.

"Tha sinn a' faicinn ge-tà, àrdachadh agus leudachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraidh anns na bun-sgoiltean air feadh na dùthcha, agus tha sinn làn dòchais gum bi sinn gu math goirid dhan 800 a tha sin ann an Clas 1 mus tig 2017," thuirt Mgr Caimbeul.

Crìonadh

Dh'aidich am Bòrd gum feumar barrachd a dhèanamh gus stad a chur air a' chrìonadh sa chànan ann an sgìrean dùthchail, gu h-àraidh sna h-Eileanan an Iar far a bheil àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air tuiteam anns gach sgìre.

"Tha e math gu leòr daoine a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an sgoiltean, ach feumaidh a' Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh cuideachd a-muigh anns a' choimhearsnachd, agus cuideachd a bhith ga cleachdadh an lùib ghnìomhachasan," thuirt Mgr Caimbeul.

Thathas an dòchas obrachadh nas fheàrr còmhla ri na h-ùghdarrasan ionadail agus buidhnean anns na sgìrean sin gus a' chànan a thoirt air adhart.