Geama mòr eile dha na Sgitheanaich

  • 9 An t-Iuchar 2014
Baile a' Chaolais is na Sgitheanaich Image copyright Comann na Camanachd
Image caption 'S e deas an aghaidh tuath a bhios ann sa chuairt dheireannaich Disathairne.

Disathairne eile is geama mòr eile ann an seusan a tha a' sìor fhàs gealltanach do Chamanachd an Eilein Sgitheanaich.

An turas seo, tha na h-eileanaich air an rathad gu Taigh an Uillt far an tèid iad an aghaidh Bhaile a' Chaolais sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Tha na Sgitheanaich ag amas air an cupa a bhuannachadh 'son a' chiad turas bho 2008, nuair a rinn iad a' chùis air Cill Mhàillidh 3-1.

Chaill iad sa chuairt dheireannaich air slaicean-peanais ann an 1999 agus 2003.

Bidh iad misneachail gu leòr an turas seo ge-tà, is iad thuige seo gun chall ann an 90 mionaidean am-bliadhna.

Chaill iad 2-1 ann an ùine a bharrachd ris a' Ghearasdan ann an cuairt dheireannach Phlèit MhicThàmhais, agus 1-0 ann an ùine a bharrachd ri Gleann Urchadain ann an Cupa MhicThàmhais fhèin.

Dìoghaltas

Thig cothrom dìoghaltais an ath-mhìos nuair a chluicheas an t-Eilean an Gleann a-rithist 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Ron sin, bidh na Sgitheanaich airson dèanamh cinnteach gum bi co-dhiù aona chupa aca sa phreasa.

Ged a bhios iad air leth misneachail, 's iad cha-mhòr cinnteach air Lìog Tuath 1 a bhuannachadh, cho math ris an adhartas anns na diofar chupannan, tha teansa nach bi an gnothach tuilleadh is furasta an aghaidh Bhaile a' Chaolais.

Tha balaich a' chuaraidh air adhartas a dhèanamh iad fhèin bho chionn ghoirid is iad a' dol suas gu Lìog Deas 1 an-uiridh, 's iad cuideachd air Cupa an t-Sutharlanaich a bhuannachadh ann an 2013.

Thuige seo tha iad a' dèanamh glè mhath aig an ìre as àirde, 's iad fhathast gun chall san lìog am-bliadhna.

Tha measgachadh math aca, le cluicheadaran òga a tha a' tighinn troimhe, agus stiùireadh a' tighinn bho leithid Iain Dòmhnallach is Dàibhidh Caimbeul, a th' air tilleadh dhan chluba às dèidh dhaibh na duaisean mòra a bhuannachadh ann an dathan a' Ghearasdain is Bhail' Ùir an t-Slèibh.

Faireachdainn

Car coltach ris na Sgitheanaich, tha faireachdainn ann am Baile a' Chaolais gu bheil iad a' togail sgioba ùr agus ag amas air tilleadh gu àrd ìre.

Tha coltas math fhèin ma-thà, air a' chuairt dheireannaich aig 2.30f Disathairne ann an Taigh an Uillt.

Anns a' Phrìomh Lìog, coinnichidh Lòbhat is Gleann Urchadain a-rithist, dìreach trì seachdainean às dèidh do Lòbhat na nàbaidhean aca a phronnadh 5-1 sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

Tha an dà phuing air leth cudromach do Lòbhat is iad air toir Bhail' Ùr an t-Slèibh aig mullach na lìog, ach 's e dìoghaltas a bhios san amharc dhan Ghleann, 's bidh iadsan mothachail cuideachd gur iad an aon sgioba a rinn a' chùis air Lòbhat san lìog am-bliadhna.

Thèid am Bail' Ùr iad fhèin an aghaidh Chinn Loch Seile Disathairne is iad ag amas air an àite aca fhèin aig mullach na lìge a neartachadh.

Anns a' gheama eile sa Phrìomh Lìog, cluichidh Caol Bhòid aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich, seachdain às dèidh dhaibh call 1-0 riutha ann am Bàideanach ann an Cupa na Camanachd.

Mì-fhortanach

Bha sgioba Chomhghail mì-fhortanach an geama sin a chall, 's air a' phàirc aca fhèin bu chòir gum faigh iad dìoghaltas air choireigin.

Tha geama mòr aig Camanachd Leòdhais ann an Lìog Tuath 3 Disathairne, 's iad feumach air an dà phuing bho Loch Bhraoin airson a bhith cinnteach air àite a ghleidheadh sa phrìomh thrì den lìog, ged a tha coltas ann gun dèanadh puing fhèin an gnothach.

Ceum mòr air adhart a bhiodh an seo dha na Leòdhasaich, ach cha bhi e furasta dhaibh is iad às aonais laoich mar Dhòmhnall agus Innes MacLaomainn, agus Paddy Mac na Ceàrdaich.

Tòisichidh an geama ann an Siabost aig 2.30f, 's na Leòdhasaich an dòchas gun nochd sluagh gus taic a thoirt dhaibh nan oidhirp beagan eachdraidh a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile