Còrr 's 50% "a' dràibheadh ro luath" air an A9

  • 8 An t-Iuchar 2014

Dh'aidich còrr is an dàrna leth de dhràibhearan a fhreagair sgrùdadh mu bhith a' dràibheadh air an A9 gum bi iad a' dràibheadh nas luaithe na tha ceadaichte air an rathad.

B' iad Buidheann Sàbhailteachd an A9 a rinn an rannsachadh.

Dh'aidich an còigeamh cuid de dhràibhearan gum biodh iad a' dràibheadh 15 mìle san uair a bharrachd na tha ceadaichte, agus bha còrr 's an treas cuid air dràibheadh 10 mìle san uair nas luaithe na tha ceadaichte gach cuid "an-dràsta 's a-rithist" no "gu tric."

Chaidh fhaighneachd dhaibh cuideachd dè na mholadh iad airson piseach a thoirt air sàbhailteachd air an A9.

Bha a bhith a' dùblachadh an rathaid, agus a bhith a' togail a' chasg-astair a th' air carbadan mòra, am measg fhreagairtean cumanta.