Cosgaisean lìbhrigidh mì-reusanta

  • 8 An t-Iuchar 2014
Stampaichean air parsail
Image caption Tha Alasdair Màrtainn ag ràdh gun deach £400 iarraidh air airson stuth a chur thuige, rud nach cosgadh ach £15 a chur gu seòladh 10 mìle air falbh air Tìr Mòr.

Tha fear gnìomhachais às an Eilean Sgitheanach ag ràdh gum feum an Riaghaltas cuideam a chur air companaidhean lìbhrigidh gus cosgaisean nas cothromaiche a thabhann.

Tha Alasdair Màrtainn ag ràdh gun deach £400 iarraidh air airson stuth a chur thuige, rud nach cosgadh ach £15 a chur gu seòladh 10 mìle air falbh air tìr-mòr.

Tha Alasdair Màrtainn a' ruith companaidh foillseachaidh chiùil bhon dachaigh aige ann am Breacais ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Dh'òrdaich e 1,000 DVD bho chompanaidh sa Ghearmailt a tha a' cleachdadh na companaidh lìbhrigidh, UPS.

Thuirt UPS gun cosgadh e £400 a bharrachd an stuth a chur dhan eilean, ach nuair a thug Mgr Màrtainn dhaibh còd-puist caraid dha a tha a' fuireach ann am Baile Mac Ara, mu 10 mìle air falbh air Tìr Mòr, 's e £15 a chosgais.

"Chan eil ciall ann, o chionn 's, mar a tha fios aig a h-uile duine, tha drochaid ann a-nis agus tha e an asgaidh," thuirt Mgr Màrtainn.

Gu h-àbhaisteach, thuirt e gum biodh cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd ri phàigheadh, ach cosgaisean an ìre mhath reusanta: "'S dòcha £10, no £20, eadhon suas gu £40."

Comhairle

Thuirt Mgr Màrtainn gun do thill e chun na companaidh bhon tàinig na DVDan, a' toirt mìneachaidh dhaibh air an t-suidheachadh, ach gun tuirt iad gun robh iad duilich ach gur e UPS a' chompanaidh lìbhrigidh a bhathas a' cleachdadh fad an t-siubhail.

Cha robh UPS càil na bu chuideachaile.

An dèidh bruidhinn ris an dà chompanaidh fa leth, 's gun fuasgladh sam bith air fhaighinn, chaidh Mgr Màrtainn a dh'iarraidh comhairle bho Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

"Tha iadsan gu math cuideachail," thuirt e. "Tha iad a' dèanamh an dìcheall."

Image copyright PA
Image caption Fhuair Mgr Màrtainn comhairle bho Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

Peanas a' chòd-phuist

Tha Mgr Màrtainn a' cur taic ri iomairt Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill, a tha a' cumail a-mach gu bheil mu mhillean duine an Alba - sna bailtean mòra cuideachd - a' fulang 'peanas a' chòd-phuist', mar a th' aca air.

Tha e a-nis ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ìmpidh a chur air companaidhean lìbhrigidh gus siostam nas cothromaiche a chur an sàs agus stad a chur air peanas a' chòd-phuist.

Chaidh beachd iarraidh air UPS, a' chompanaidh lìbhrigidh, ach cha tàinig freagairt fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile