Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Batan na Bànrigh ann am Barraigh

8 An t-Luchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Batan na Bànrigh air na h-Eileanan an Iar a ruighinn.

Thàinig am batan air itealan a Bharraigh, 's i a' laighe air an Tràigh Mhòr air feasgar Diluain.

Eadar Diluain 's Dimàirt, nì am batan a shlighe gu tuath tro na h-Eileanan, fiu 's a' falbh a Hiort air heilicoptear air a slighe gu Rubha Robhanais.

Bha am fear-naidheachd againn, Alasdair Friseal, a' siubhal na chois.