Freagairt an Riaghaltais do dh'ath-chuinge air referenda

Bogsa-bhòtaidh Tha an ath-chuinge ag iarraidh trì referenda fa leth sna diofar sgìrean, seachdain an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain.

Thug Riaghaltas na h-Alba freagairt air iarrtas a nochd ann an ath-chuinge air referendum anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn air riaghladh nan sgìrean san àm ri teachd.

Dh'iarr Comataidh nan Ath-chuingean freagairt air an Riaghaltas, an dèidh dhaibh an ath-chuinge a dheasbad sa Chèitean.

Tha an ath-chuinge ag iarraidh trì referenda fa leth sna diofar sgìrean, seachdain an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain.

Thuirt an Riaghaltas gun robh iad air a bhith a' còmhradh ri ùghdarrasan ionadail nan sgìrean eileanach feuch cionnas a choileanair feumalachdan gach sgìre ann an Alba neo-eisimeileach, 's iad a' toirt aire dhan Ro-Shealladh Eileanach, a dh'fhoillsich iad o chionn ghoirid, agus anns a bheil na h-uimhir de gheallaidhean gan toirt seachad.

Thuirt an fheadhainn a chuir an ath-chuinge air dòigh gun robh freagairt an Riaghaltais air a' cheist a sheachnadh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.