Co-chomhairleachadh air riaghailtean iasgaich

  • 7 An t-Luchar 2014
Iasgairean
Tòisichidh laghan ùra as t-Fhoghair, a' fhàgail nach cuirear air tìr ach na giomaich agus na crùbagan as motha, ann an oidhirp stocan a dhìon.

Nìthear co-chomhairleachadh air riaghailtean ùra ann an iasgach a' ghiomaich 's na crùbaige anns na h-Eileanan an Iar.

Tòisichidh laghan ùra as t-Fhoghair, a' fàgail nach cuirear air tìr ach na giomaich agus na crùbagan as motha, ann an oidhirp stocan a dhìon.

A rèir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, 's e ceum air adhart a tha seo dha na h-iasgairean cuideachd.

Maorach

Chaidh moladh gun deadh meud ghiomach, dheiseagan agus chrùbagan a chur an-àirde sna h-Eileanan an Iar air fad, a' ciallachadh gum bithear a' glacadh a' mhaoraich a tha a' mhargaid ag iarraidh, agus cuideachd a' cur barrachd stuic air ais gus na stocan a dhìon.

Thuirt Mgr MacAonghais gun deach mòran conaltraidh a dhèanamh airson na planaichean a tharraing ri chèile, 's gun robhar airson fiosrachadh fhaighinn bho na buidhnean iasgaich air fad, agus cuideachd bho bhuidhnean riaghaltais.

Thuirt e gur e ceum mòr a bhios sa phlana, 's gur e seo a' chiad phlana de a leithid ann an Alba a thèid a thoirt air adhart gus riaghailtean agus laghan ùra a stèidheachadh.

Dh'innis Mgr MacAonghais gu bheil àiteachan eile ann am Breatainn far an aon rud ga dhèanamh roimhe, ann an Sasainn gu h-àraidh.

Eòlas saidheansail

Thuirt e gu bheilear air meud a' ghiomaich agus na crùbaige a chur an-àirde, 's gu bheil eòlas saidheansail air sealltainn gu bheil sin air feum a dhèanamh gus stocan a dhìon.

Chaidh moladh cuideachd gum bi e mì-laghail giomaich le aon ìghne, an fheadhainn bhoireann, a chur air tìr.

Bheachdaich Mgr MacAonghais gu bheil e a' dèanamh ciall gun tèid rudan nach eil a' mhargaid ag iarraidh a thilgeil air ais dhan mhuir, gus an tig adhartas air an stoc.

"Tha e a' dol a dhèanamh dìon air an stoc anns an àm fhada agus cuideachd tha e a' ciallachadh, an rud a bhios na h-iasgairean a' glacadh, gu bheil a' mhargaid ga iarraidh," thuirt e.