Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coulson

Fhuair seann deasaiche an News of the World, Andy Coulson, bliadhna gu leth sa phrìosan airson far-chlais fònaichean aig an Old Bailey an-diugh. Chaidh Coulson fhaighinn ciontach an t-seachdain seo chaidh airson a bhith an sàs ann a bhith a' faighinn teachdaireachdan fòn gu mì-laghail. Bha Coulson na stiùiriche conaltraidh aig a' Phrìomhaire às dèidh dha am pàipear-naidheachd fhàgail.

Harris

Tha Rolf Harris air nochdadh aig Cùirt a' Chrùin ann an Southwark, far an tèid binn air airson ionnsaighean drabasta a thoirt air clann-nighean òga. Chaidh Harris, a tha 84, fhaighinn ciontach de 12 casaid, an aghaidh ceathrar nighean, Diluain.

British Gas

Chaidh càin de £1m air British Gas airson mì-reic. Tha an riaghladair Ofgem ag ràdh gun deach innse dha luchd-cleachdaidh gun sàbhaladh iad airgead nan deadh iad gu British Gas, ach gum biodh iad air a bhith na b' fheàrr dheth nam biodh iad air fuireach leis na companaidhean aig an robh iad.

HMS Queen Elizabeth

Thèid an soitheach cogaidh as motha a thog Breatainn a-riamh, an HMS Queen Elizabeth, ainmneachadh gu h-oifigeil ann an Ros Saoidh an-diugh. 'S i a' chiad tè de dhà shoitheach phlèanaichean a thogas a' Chabhlach Rìoghail. Cosgaidh na dhà còmhla £6.2bn agus tha cuid air a bhith a' gearain mun a' chosgais.

Hamas

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil a' bhuidheann Phailistianach Hamas ag ullachadh airson fois-fòirneart le Israel a ghairm. Chaidh aithris gun cuir iad stad air ionnsaighean rocaid air bailtean Israelach, ma bhios Israel deònach gealltainn nach dèan iad rèidean air Gàsa.

Caisteal Leòdhais

Tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas gum bi an obair airson taigh-òsta a stèidheachadh aig Caisteal Leòdhais deiseil an ceann dà bhliadhna, ged a th' aca ri airgead a lorg airson a' phìos sin den leasachadh aca. Chaidh iad às àicheadh aithrisean gu bheil cion-airgid air ceist a chur mu choinneimh an leasachaidh gu lèir aig a' chaisteal.

Siria

Thàinig e am bàrr gun dhealbh Breatainn plana airson trèanadh agus uidheamachd a thoirt do 100,000 reubaltach ann an Siria, a bha a' sabaid an aghaidh feachdan a' Chinn-suidhe Assad. Chaidh am plana a chur ri chèile le seann cheannard nan feachdan armaichte, an Seanalair Sir Daibhidh Richards, bho chionn dà bhliadhna, ach chaidh a dhiùltadh leis an riaghaltas, a bha a' smaoineachadh gun robh e fada ro chunnartach.