Crith-thalmhainn air a' Ghàidhealtachd

  • 4 An t-Iuchar 2014
An Gearasdan Image copyright Kenneth Allen/Geograph
Image caption Bha togalaichean air chrith, agus chualas brag an dèidh na crith-thalmhainn.

Chaidh crith-thalmhainn, neart 3, a chlàradh anns a' Ghearasdan air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt Suirbhidh Geòlais Bhreatainn gun do thachair e goirid an dèidh 7:30f air feasgair Diardaoin.

Chan e crith mhòr a bh' ann, ach chaidh a mothachadh ann an sgìrean eile, eadar Gleann Comhann, an t-Òban, Ath Tharracail agus Baile a' Chaolais.

Bha taighean air chrith, agus chualas brag an dèidh na crith-thalmhainn.

Cha b' e seo a' chiad turas a thachair an leithid.

Ann an 2011, bhuail crith a bha na bu làidire, aig neart 3.5, ann an Gleann Ùige, ann am Muideart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile