Ceannard nam Poileas a' dìon figearan

  • 4 An t-Luchar 2014
Oifigear poilis
Anns an fharsaingeachd, tha eucoir air tuiteam san sgìre, sìos 16% bho an-uiridh.

Chuir ceannard nam poileas air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan dìon air Poilis na h-Alba às dèidh mar a nochd figearan a sheall gun do stad na pPoilis air a' Ghàidhealtachd còrr is 5,000 duine an-uiridh.

Thuirt an t-Àrd-Superintendent Julian Innes gun robh stad agus sgrùdadh deatamach airson casg a chur air eucoir dhrogaichean.

Dh'fhoillsich Poilis na h-Alba àireamhan ùra a tha a' sealltainn ìre obrach an fheachd.

Thàinig e am follais gun deach còrr is 5,500 neach a stad agus a sgrùdadh le na Poilis anns a' bhliadhna mu dheireadh air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Èifeachdas

'S e glè bheag de na sgrùdaidhean a bha soirbheachail, a' togail cheistean mu cho èifeachdach 's a bha iad, gu h-àraid nuair a bha 200 dhiubh a' sgrùdadh feadhainn nas òige na 15 bliadhna de dh'aois.

Ach thuirt an t-Àrd-Superintendent gun robh feum mòr anns a' chleachdadh, agus nach robh na Poilis a' cur stad ach air daoine a bha aithnichte dhaibh, air neo daoine a bha gan giùlain fhèin ann an dòigh amharasaich.

Thuirt e cuideachd gun robh stad agus sgrùdadh gu h-àraidh feumail airson casg a chur air eucoir dhrogaichean.

Anns an fharsaingeachd, tha eucoir air tuiteam san sgìre, sìos 16% bho an-uiridh.