Soilleireachadh a dhìth mu pheinnseanan

  • 7 An t-Iuchar 2014
Peinnseanair
Image caption Tha gach taobh san deasbad ag iarraidh soilleireachaidh bho chàch a chèile a thaobh am planaichean airson peinnseanan a phàigheadh sna bliadhnaichean ri teachd.

Dh'iarr an dà thaobh ann an deasbad an referendum air càch a chèile na tha fa-near dhaibh a thaobh pheinnseanan a mhìneachadh.

Tha buill de Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster ag ràdh nach do chuir Riaghaltas na h-Alba cosgaisean ceart mu choinneimh an cuid phlanaichean airson gach cuid peinnseanan poblach agus prìobhaideach.

Ach thuirt an SNP gum bu chòir do phàrtaidhean an Aonaidh na planaichean acasan fhoillseachadh airson peinnsean na stàite, 's iad a' fàgail air na prìomh phàrtaidhean aig Westminster gun robh iad a' mealadh dhaoine a thaobh pheinnseanan.

Soilleireachadh

Tha gach taobh san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba ag iarraidh soilleireachaidh bho chàch a chèile a thaobh am planaichean airson peinnseanan a phàigheadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha cathraiche na comataidh thaghte aig Westminster, am BP Làbarach Iain Davidson, a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil am planaichean airson pheinnseanan, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd na h-Alba, air "an sgainneal as motha de mhì-reic riamh".

Thuirt Mgr Davidson gur e an aon rud a tha cinnteach mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba air sochairean a phàigheadh, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd, gu bheil na planaichean sin mì-chinnteach.

Thàinig am beachd seo bhuaithe agus a' chomataidh air a ràdh gu bheil planaichean Riaghaltas na h-Alba gus dàil a chur ann a bhith a' pàigheadh pheinnseanan gus am bi daoine 67 bliadhna de dh'aois, agus peinnsean na stàite nas àirde a phàigheadh sa chiad dol a-mach ann an Alba neo-eisimeileach, gun chosgais cheart air a measadh rin taobh.

Tha a' Chomataidh cuideachd a' cumail a-mach gum feum Riaghaltas na h-Alba innse do dhaoine an-dràsta fhèin dè an aois aig am faighear peinnseanan, agus dè na cosgaisean a bhiodh na lùib.

Gainnead

Thuirt a' Chomataidh cuideachd nach robh na cosgaisean ceart a thaobh cuid de pheinnseanan na roinne poblaich, 's gun robh gainnead ann an cuid de phoileasaidhean.

Tha iadsan a' cumail a-mach gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air chomas taic a chur ris na poileasaidhean sin, agus nach eil e soilleir ciamar a b' urrainn do Riaghaltas na h-Alba an aon luach a chumail ri peinnseanan na roinne poblaich san ùine air thoiseach.

Tha comataidh Westminster cuideachd a' togail teagamh mu chomas Alba neo-eisimeilich siostam ùr sochairean a stèidheachadh ro 2018.

Thuirt iad gu bheil e air fàilneachadh air Riaghaltas na h-Alba, nam beachdsan, foir a ghabhail air cho toinnte 's a bhiodh e Albannaich a thoirt a-mach à siostam shochairean na RA.

Cuideachd, a thaobh siostam Albannach fa leth a bhith ga stèidheachadh, tha a' Chomataidh a' dèanamh dheth gum biodh e ro thoinnte sin a dhèanamh agus gum biodh e ro chosgail an dà shiostam a bhith a' ruith aig an aon àm.

Pàipear Geal

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gu bheil iad air molaidhean airson pheinnseanan a ghabhas pàigheadh, a tha cothromach agus a tha èifeachdach fhoillseachadh anns a' Phàipear Gheal aca.

Thathas a' fàgail air Riaghaltas na RA gu bheil iad a' cluiche gheamannan agus gum feumar innse sa bhad dè na planaichean a th' aca fhèin airson peinnseanan na stàite a phàigheadh anns na bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt tè-labhairt an SNP air sochairean ann an Westminster, am BP Eilidh Whiteford, gur e bhòt airson neo-eisimeileachd an aon dòigh air stad a chur air 'con nam peinnseanan' bho Riaghaltas na RA agus am Pàrtaidh Làbarach.

Thuirt i nach bu chòir do bhuill na Comataidh Thaghte a bhith a' feuchainn ri dragh agus eagal a chur air daoine mu an cuid pheinnseanan.

Thuirt i gu bheil Riaghaltas na h-Alba air gealltainn, aig a' char as lugha, gun tèid £160 san t-seachdain a phàigheadh ann an 2016-17 do pheinnseanairean ann an Alba, agus gum feum Riaghaltas na RA agus am Pàrtaidh Làbarach a-nis innse dè na planaichean a th' acasan a thaobh pheinnseanan na stàite sna bliadhnaichean ri thighinn.

Thuirt i cuideachd gu bheil Alba air a bhith ann an suidheachadh nas fheàrr anns gach aon de na còig bliadhna mu dheireadh airson peinnseanan agus sochairean dhaoine a phàigheadh agus, leis gu bheil iad air barrachd a phàigheadh ann an cìsean sna 30 bliadhna mu dheireadh na duine eile san RA, gu bheil iad air chomas, a' dol air adhart, na peinnseanan aig daoine a phàigheadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile