Lios Mòr
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Liosaich diombach mu sheirbheis aiseig

4 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cuid de mhuinntir Lios Mòr air tionndadh gu Youtube airson na gearainean aca mu sheirbhisean aiseig an eilein a chur an cèill.

Tha feadhainn mì-thoilichte gur e an Isle of Eigg a tha CalMac air a chur air an t-seirbheis, rud a tha a' fàgail nach eil clàr-ama cunbhalach air a bhith ann.

Tha sin a dh'aindeoin gealladh bho ChalMac gun cuireadh iad bàta nas motha air an t-slighe.

Le tuilleadh, seo Andreas Wolff.