Eas-aonta mu eaconamaidh na h-Alba

  • 7 An t-Iuchar 2014
Daibhidh Camshron Image copyright Reuters
Image caption Bhruidhinn am Prìomhaire air a' mhòr-chuid a tha sàmhach anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bha in-ionmhas aig cridhe iomairt an referendum Diardaoin, le eas-aonta mu cò dh'fhàgas eaconamaidh na h-Alba nas fheàrr dheth.

Bha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, ann am Peairt agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air plana ionmhais fhoillseachadh ann an co-bhann le Comhairle Baile Ghlaschu.

Thadhail Rùnaire na h-Alba, Iain Swinney, air gnìomhachas ann an Dùn Dèagh, far a bheil esan air gealltainn na milleanan nòtaichean a bharrachd a chosg, ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Guthan a thogail

Bha Daibhidh Camshron a' toirt seachad òraid aig cruinneachadh de luchd-taic an Aonaidh ann am Peairt.

Bhruidhinn Mgr Camshron air a' mhòr-chuid a tha sàmhach anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt e gu bheil an t-àm a-nis iomchaidh dhaibh an guthan a thogail 's gun ach 77 là gus am bi daoine a' bhòtadh san referendum air neo-eisimeileachd.

Thuirt am Prìomhaire gu bheil dragh air an fheadhainn a th' air a bhith sàmhach gu ruige seo mu na cunnartan a tha an lùib neo-eisimeileachd, agus na dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh dha na h-oghaichean agus na h-iar-oghaichean aca.

Cunnart

"Tha an t-àm ann a-nis cluinntinn bhon mhòr-chuid a tha sàmhach.

"A' mhòr-chuid de dh'Albannaich shàmhach aig a bheil diù mòr dhan Rìoghachd Aonaichte; a' mhòr-chuid de dh'Albannaich shàmhach nach eil airson àm ri teachd na dùthcha a chur ann an cunnart, no iad fhèin, an cuid obraichean, an cuid chloinne no an oghaichean.

"A' mhòr-chuid de dh'Albannaich shàmhach a tha a' smaoineachadh gum bu chòir, gu dearbha, tuilleadh chumhachd a bhith aig Alba gus a co-dhùnaidhean fhèin a dhèanamh, ach carson a dheadh bhòtadh airson dealachadh, nuair a tha uimhir ann a ghabhas choileanadh còmhla.

"Agus 's iad a' mhòr-chuid de dh'Albannaich shàmhach sin a dh'fheumas bruidhinn a-mach às ar leth sna 77 làithean a th' air fhàgail ron bhòt."

A bharrachd air an seo, thuirt Mgr Camshron gur e briseadh-cridhe a bhiodh ann nan deadh an Rìoghachd Aonaichte a thoirt às a chèile agus thuirt e gum feum daoine cuimhneachadh nuair a thèid an co-dhùnadh seo a ghabhail, gur e co-dhùnadh leantainneach a th' ann agus nach urrainear a dhol air ais air.

Baile Ghlaschu

Thàinig Mgr Camshron a dh'Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag innse mu phlana gus £500m a chosg ann an in-ionmhas, ann an co-bhann le Comhairle Baile Ghlaschu, anns an 20 bliadhna a tha romhainn.

Thèid a chosg air pròiseactan bun-structair.

Thuirt am Prìomhaire gum pàigheadh an t-airgead airson cuid de rathaidean, seirbheisean bus, daoine a chur air ais a dh'obair, agus gus ceangal-rèile a dhèanamh le Port-adhair Ghlaschu.

Sealladh ùr

Air an dearbh là, bha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ann an Dùn Dèagh, a' tadhal air taigh-òsta a chaidh ùr-leasachadh o chionn ghoirid.

Image copyright PA
Image caption Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gur e a tha a dhìth ach dòigh ùr, gu h-eaconamach, air cùisean a làimhseachadh ann an Alba.

Thuirt Mgr Swinney gur e a tha a dhìth ach dòigh ùr, gu h-eaconamach, air cùisean a làimhseachadh ann an Alba - bho 'shealladh ùr', sealladh neo-eisimeileach, na bheachd-san.

Tha esan air gealltainn, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd, chan ann a-mhàin gun tèid an £500m seo a thoirt do bhaile Ghlaschu thar nam bliadhnaichean a tha romhainn, ach gun tèid £1.2bn a bharrachd a chosg ann an Alba sa bhliadhna 2017-18, le £2.4m ga chosg ann an 2018-19.

Tha e air a ràdh gu bheil seo leantainneach, an coimeas ri planaichean Westminster, far am bi gearraidhean anns an t-suim-airgid a bhios Alba a' faighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Beachd a' mhòr-chuid

Thuirt Mgr Swinney gun cluinnear 'guthan mhuinntir na h-Alba air fad' anns an referendum san t-Sultain, gur ann tro neo-eisimeileachd a-mhàin a thèid eaconamaidh na h-Alba fhàs, agus gur ann air na cothroman a tha an lùib neo-eisimeileachd a tha airesan.

"Gheibh sinn toradh an referendum san t-Sultain, nuair a chluinneas sinn dè am beachd a th' aig a' mhòr-chuid ann an Alba.

"Tha sinne airson aire dhaoine a tharraing gu na cothroman an lùib neo-eisimeileachd, agus gu fìrinn na cùise, gur ann tro neo-eisimeileachd a-mhàin a thig fàs ann an eaconamaidh na h-Alba, fàs a bheir dòchas do dhaoine taobh a-staigh na h-Alba.

A rèir Blair Jenkins, a tha os cionn na h-iomairt Yes Scotland, 's ann a bu chòir uallach a bhith air a' Phrìomhaire mun "mhòr-chuid a tha a' strì" - an sluagh aig a bheil tuarastail ìosal agus cosgaisean bith-beò a tha a' fàs, 's a bhòtas 'Bu Chòir' airson Alba nas cothromaiche fhaicinn.

Thuirt Mgr Jenkins gu bheil gearraidhean cruaidh nan Tòraidhean ag adhbharachadh bochdainn do thuilleadh Albannach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile