Co-chomhairleachadh mu fhoghlam Gàidhlig

  • 3 An t-Iuchar 2014
Gàidhlig
Image caption Tha an riaghaltas an dùil gum faodadh seo stèidh a' chànain a neartachadh san àm ri teachd.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh poblach mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha iad a' sireadh bheachdan air molaidhean a bheir air ùghdarrasan ionadail foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh, agus conaltradh a chumail le pàrantan airson faighinn a-mach na th' ann de dh'iarrtas airson leithid de dh'fhoghlam anns gach sgìre chomhairle.

Thuirt an Riaghaltas gur e am prìomh amas aca gum bu chòir modh-obrach ùr a chur an gnìomh fon lagh, a bheireadh cothrom do dh'ùghdarrasan ionadail beachdachadh air iarrtasan bho phàrantan a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Mìneachadh

Tha iad den bheachd nach eil mìneachadh soilleir neo aonaichte aig ùghdarrasan ionadail mun dòigh anns a bheilear a' dèiligeadh ri iarrtasan phàrantan, 's gu h-àraid nach eil pàrantan cinnteach cuin a gheibhear freagairt air an iarrtas aca.

Tha iad a' moladh dleastanas ùr a chur air ùghdarrasan ionadail foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh, agus cuideachd uallach a chur orra co-chomhairleachadh a dhèanamh le pàrantan gus faighinn a-mach a bheil iarrtas dha-rìribh ann airson foghlam de a leithid.

An uair sin, dh'fhaodar co-dhùnadh a dhèanamh mu co-dhiù am biodh e iomchaidh dhaibh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad.

Tha an Riaghaltas an dùil gun toireadh seo piseach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus gum faodadh e stèidh a' chànain a neartachadh san àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile