Co-labhairt mu bhuannachdan uachdaranas coimhearsnachd

  • 3 An t-Luchar 2014
Fearann coimhearsnachd
Tha an àireamh de dh'oighreachdan coimhearsnachd air sìor-dhol am meud sna h-eileanan.

Thèid co-labhairt a chumail ann an Steòrnabhagh far an tèid mar a dh'fhaodas uachdarain choimhearsnachd cuideachadh le fàs eaconamach a bhrosnachadh sna h-Eileanan a dheasbad.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a chuir a' cho-labhairt air dòigh.

Thèid cuireadh a thoirt dhaibhsan aig a bheil ùidh, no a tha an sàs ann an uachdaranas coimhearsnachd.

Ceanglaichean

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba mar-thà air ceanglaichean làidir a dhèanamh, aig ìre nàiseanta, le buidhnean agus pàrtaidhean poileataigeach; tha iad a-nis airson an aon rud a dhèanamh aig ìre ionadail.

An dèidh bruidhinn ris a' Chomhairle, chaidh aontachadh co-labhairt a chur air dòigh airson faicinn ciamar a gheibhear air na h-uachdarain choimhearsnachd a chuideachadh, agus dè na diofar rudan as urrainn dhaibhsan a dhèanamh gus cur ri maith nan eilean.

Am measg nan cuspairean a thèid a dheasbad, tha croitearachd, taigheadas agus gnothaichean co-cheangailte ri fearann.

Thuirt Iain MacÌomhair bho Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu bheil an àireamh de dh'oighreachdan coimhearsnachd air sìor-dhol am meud sna h-eileanan, 's gu bheil feum a-nis an toirt còmhla a dh'fhaicinn dè ghabhas a dhèanamh on seo a-mach.

Thèid a' cho-labhairt a chumail air an 11mh là den t-Sultain ann an Steòrnabhagh.