Ath-thagradh mu bhòt referendum a' fàilligeadh

  • 2 An t-Iuchar 2014
Bogsa-bhòtaidh Image copyright Other
Image caption Thàinig an co-dhùnadh agus am bhritheamh, am Morair Glennie, air riaghladh a dhèanamh an aghaidh an tagraidh roimhe.

Tha Cùirt an t-Seisein air breith nach eil còir aig dithis phrìosanach bhòtadh san referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bha Leslie Moohan agus Anndra Gillon, a tha sa phrìosan airson muirt, a' cumail a-mach gun robh an casg air bhòtadh an aghaidh nan còirichean daonna aca.

Bha am Morair Glennie a-cheana air breith nach robh a' chòir sin aca.

Ath-thagradh

Chuir britheamhan aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann às do dh'ath-thagradh bhon dithis a chaidh a thoirt air adhart, air thoiseach air a' bhòt san t-Sultain.

Thàinig an co-dhùnadh agus am bhritheamh, am Morair Glennie, air riaghladh a dhèanamh an aghaidh an tagraidh roimhe.

Bha luchd-lagha do Mhoohan is Gillon a' cumail a-mach gun robh am Morair Glennie air an stiùireadh ceàrr a thoirt dha fhèin nuair a rinn e an co-dhùnadh sa chiad dol a-mach.

Ach tha am britheamh às àirde inbhe an Alba, Àrd-Mhòrair Cùirt an t-Seisein, am Morair Gill, cuide ri dithis bhritheamhan eile, am Morair Paton agus am Morair Menzies, air co-dhùnadh a' Mhorair Ghlennie a chumail suas.