Bàta-teasairginn a' toirt taic don luchd-smàlaidh

  • 2 An t-Iuchar 2014
RNLI/ RNLI Chaol Loch Aillse Image copyright Luchd-smàlaidh ann am bàta-teasairginn a' Chaoil
Image caption Chaidh bàta a bhios ga chleachdadh gus luchd-tadhail a thoirt chun an eilein cuideachad a chleachdadh.

Tha bàta-teasairginn air taic a thoirt do luchd-smàlaidh gus faighinn gu teine air eilean Scalpaigh far chosta an Eilein Sgitheanaich.

Chaidh bàta-teasairginn Chaol Loch Aillse a chur a-mach mu 3:45f Dimàirt gus a' mhòr-chuid de luchd-smàlaidh às an Ath Leathann, An Caol agus Loch Carrann, cuide ris an uidheamachd a bh' aca, a thoirt gu far an robh an teine.

Image copyright SFRS
Image caption Thòisich an teine aig Rubha an Èireannaich ann an eilean Scalpaigh.

Chaidh bàta a bhios ga chleachdadh gus luchd-tadhail a thoirt chun an eilein cuideachad a chleachdadh.

Thòisich an teine aig Rubha an Èireannaich ann an eilean Scalpaigh.

Image copyright SFRS
Image caption Chuir an luchd-smàlaidh smachd air an teine ro 6:00f oidhche Mhàirt,

Aon uair 's gun robh an luchd-smalaidh air fad air an eilean, thill am bàta-teasairginn gu tìr.

Chuir an luchd-smàlaidh smachd air an teine ro 6:00f oidhche Mhàirt.

Thuirt am Manaidsear Stèisein, Alistair Jupp, gun robh beagan ro-phlanadh a dhìth airson dèiligeadh ris a' chùis.

Image copyright SFRS
Image caption Chaidh am bàta-teasairginn a chur a-mach a-rithist aig 6:20f gus an luchd-smàlaidh a thoirt far an eilein.

Thuirt e: "Bha againn ri bhith cinnteach gun robh conaltradh fhathast eadar Scalpaigh agus an t-Eilean Sgitheanach agus gun robh cho beag de stuth againn ri ghiùlain 's a b' urrainn dhuinn, a' toirt leinn pumpa a' ghabhas giùlain agus buailteanan."

Chaidh am bàta-teasairginn a chur a-mach a-rithist aig 6:20f gus an luchd-smàlaidh a thoirt far an eilein.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile