Chan atharraich poileasaidh gunnaichean gu luath

  • 2 An t-Iuchar 2014
Seacaid Phoilis
Image caption Bha oifigearan air Ghàidhealtachd armaichte goirid mus do chruthaicheadh am feachd ùr nàiseanta.

Chan eil coltas ann gun tig atharrachadh sa aithghearrachd air a' cho-dhùnadh a thug cead do dh'oifigearan poilis air Ghàidhealtachd gunnaichean a ghiùlain gu làitheil, a rèir an oifigich a tha an urra ri poilis armaichte ann an Alba.

An dèidh conneimh le comhairlichean Dimàirt far an deach dragh a thogail mun atharrachadh ann am poileasaidh na h-armachd, thuirt Comandair Roinneil nam Poileas Armaichte, an t-Àrd-Superintendant Elaine NicFhearghais, gu bheil an dòigh sa bheil leithid de cho-dhùnadh air a dhèanamh a' crochadh air measadh cunnairt anns gach sgìre ionadail.

Fhad 's a bhithear a' beachdachadh air a' cho-dhùnadh sin gach cairteal bliadhna, thuirt i nach eil coltas gun atharraich na th' ann de ghunnaichean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan - figear a thug air na Poilis an co-dhùnadh a dhèanamh - san aithghearrachd.

"Bhithinn teagmhach gun tigeadh atharrachadh susbainnteach air an fhiosrachadh a tha sinn a' faighinn thairis air a' bheagan chairtealan a tha ri teachd," thuirt i.

"No gu dearbha na bliadhnaichean a tha ri teachd, chun na h-ìre 's gun toireadh e air an Àrd-Chonstabal a cho-dhùnadh atharrachadh.

"'S ann air an da-rìribh a tha seo stèidhichte. Chan ann air atharrachadh ann an dòigh-obrach nam Poileas.

"Tha e stèidhichte air an fhiosrachadh a th' againn.

"Chan urrainn dhomh a ràdh nach tig atharrachadh air gu bràth, ach tha am poileasaidh seo ann airson dèiligeadh ri cunnart a tha ann."