Ialtag air fhaicinn ann an Hiort

  • 1 An t-Iuchar 2014
Ialtag ann an Hiort
Chaidh an Nathusius' pipistrelle fhaicinn na cadal air balla tè de na clèitean san eilean.

Chunnacas ialtag ann an Hiort airson a' chiad uair riamh.

Chaidh an Nathusius' pipistrelle fhaicinn na cadal air balla tè de na clèitean san eilean.

'S e creutar tearc a th' anns an Nathusius' Pipistrelle air tìr-mòr.

A-nis, tha tè air a clàradh ann an Hiort - a' chiad uair riamh a chaidh ialtag a chlàradh sna h-eileanan sin.

Eilthireachd

Chaidh a lorg air a' mhìos a chaidh, na cadal air balla tè de na stòran beaga cloiche ris an canar clèitean, a tha sgapte air feadh an eilein.

Chaidh an Nathusius' Pipistrelle - a bhios ri eilthireachd - a chlaradh ann am Breatainn an toiseach ann an Sealtainn, ann an 1940.

Tha na h-uimhir dhiubh air am faicinn air clàran-ola sa Chuan a Tuath bho àm gu àm, a thuilleadh air Sealtainn agus Arcaibh.

A thuilleadh air mac-an-duine, chan eil ach dà mhamal eile ri fhaicinn ann an Hiort - caoraich Hiortach, agus an luchag Hiortach.