Clò Shiaboist aig Geamaichean Ghlaschu

Dòmhnall Iain Dòmhnallach Dòmhnall Iain Dòmhnallach le pìos den chlò.

'S e deiseachan de Chlò Hearach bho Mhuillinn Shiaboist a bhios air an fheadhainn a bhios a' toirt seachad nan duaisean aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu.

Chaidh an clò fhighe do Mhuilinn Shiaboist le Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Barabhas.

Thuirt Mgr Dòmhnallach: "Tha e mìorbhaileach an ceangal seo a bhith eadar an Clò Hearach agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis. Tha an clò a chaidh iarraidh orm fhighe àlainn agus ioma-fhillte. Thèid fhaicinn le luchd-amhairc eadar-nàiseanta agus tha mi an dòchas gun toir e togail eile dhan ghnìomhachas againn."

Chaidh còrr is 50 fèileadh agus seacaid a dhèanamh den chlò dorcha-ghorm, 's tha dùil gun tèid fhaicinn le còrr is billean neach air feadh air an t-saoghal tro sheachdainean nan geamaichean.

Pròiseil

Thuirt Àrd-Oifigear Chlò Mòr Innse Gall, Iain Aonghas MacCoinnich: "Tha sinn glè phòiseil às a' phàirt a th' againn ann an samhradh mòr spòrs na h-Alba. A thuilleadh air a' chlò a bhios air an fheadhainn a tha a' toirt seachad nan duaisean aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis, 's e sinne cuideachd luchd-solarachaidh oifigeil Chupa Ryder agus tha an cruinneachadh sin mar-thà air ùidh mhòr a thogail.

"Tha seo uile na chuideachadh a thaobh ìomhaigh ar stuthan agus tha sin a' toirt spionnadh, chan ann a-mhàin do Chlò Mòr Innse Gall, ach do na breabadairean agus eaconamaidh an eilein air fad."

Thadhail sgioba bho Gheamaichean a' Cho-fhlaitheis air Muileann Shiaboist sa Mhàirt gus bhidio a chlàradh mun Chlò Hearach. Thèid a' bhidio a shealltainn mar phàirt de phrògram mu "chruthachadh nan geamaichean", a thèid a chraoladh ro dheireadh na mìos seo.

Tha na Geamaichean a' tòiseachadh air an 23mh là den Iuchar.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.