Tuilleadh ghearainean mun Finlaggan

  • 1 An t-Iuchar 2014
MV Finlaggan
Image caption Thuirt CalMac gur e dùbhlan a th' ann co-dhùnadh càite an tèid bàtaichean a chur, ach gu bheil iad riaraichte leis na planaichean aca airson a' gheamhraidh.

'S e fìor bhriseadh-dùil a th' ann gu bheil am bàt'-aiseag, am Finlaggan, gus tilleadh gu slighe Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart airson greis air a' Gheamradh seo tighinn, a rèir fhir de chomhairlichean Uibhist a Tuath.

Tha Uisdean Robasdan ag ràdh nach eil am bàta freagarrach dhan t-slighe agus gun robh a' choimhearsnachd air a dhèanamh soilleir nach robh iad ga h-iarraidh air ais.

Thuirt CalMac gur e dùbhlan a th' ann co-dhùnadh càite an tèid bàtaichean a chur, ach gu bheil iad riaraichte leis na planaichean aca airson a' Gheamhraidh.

Mì-thoileachas

Tha daoine an Uibhist a Tuath mì-thoilichte gur i am Finlaggan a bhios gam frithealadh airson dà mhìos anns a' Bhliadhna Ùir.

'S àbhaist dhi a bhith a' seòladh eadar Ìle agus Tìr Mòr. Ach, ged a tha i am measg nam bàtaichean às ùire a th' aig Cal Mac, cha deach ro mhath dhi an turas mu dheireadh a chaidh a cur air an t-slighe eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart.

Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan: "Cha robh mi ga chreidsinn an toiseach, feumaidh mi ràdh. Bha mi a' smaoineachadh gun robh cuideigin a' tarraing mo chois.

"Às dèidh na Bliadhn' Ùire, 's ann a bhios i an seo; gheibh sinn na làithean-saora aig an Nollaig 's a' Bhliadhn' Ùir seachad co-dhiù.

"Tha e uabhasach doirbh dhomh a chreidsinn gun dèanadh iad seo, gu h-àraidh an dèidh na h-iomairt a rinnear na h-aghaidh air a' Gheamhradh seo chaidh.

"Tha e caran tàmailteach dhuinn nach deach èisteachd rinn, 's nach do chuirear cuideam air na draghannan a bh' againn," thuirt e.

CalMac

Thuirt labhraiche bho ChalMac gu bheil e na dhùbhlan dhaibh co-dhùnadh mar a thèid bàtaichean a chleachdadh nuair a tha obair-càraidh a' dol tron Gheamhradh, leis nach eil soitheachan iomchaidh ann airson feumalachdan diofraichte gach slighe a fhreagairt.

Chaidh iad gu làidir às àicheadh gu bheil iad a' toirt prìomhachais do na h-eileanan mu dheas, agus thuirt iad cuideachd gur e an droch shìde a bu mhotha a dh'adhbharaich trioblaidean dhan Finlaggan nuair a bha i air an t-slighe seo ron a seo, agus gum biodh an t-sìde sin na dùbhlan do shoitheach sam bith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile